Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

BA Cànan is Cultar na Gàidhlig

Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar astar@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

Tha am BA air astar stèidhichte aig SCQF 9, agus tha e an aon rud ri Ìre 3 den cheum BA air taobh a-staigh na Colaiste.  Gu h-àbhaisteach, tha am BA air astar ga dhèanamh pàirt-ùine.

Air a' chùrsa seo bidh thu a' sgrùdadh Gaidhealtachd an latha an-diugh 's an latha an-dè agus a' toirt a-mach sàr chomas ann an Gàidhlig. Bidh thu a' rannsachadh litreachas agus cultar dualchasach na Gàidhlig, cho math ri freumhan a' chànain agus gheibh sibh cothrom Gàidhlig na h-Èireann ionnsachadh.

 

Sùsbaint a' Chùrsa

Tha 6 modalan aig ìre 3, air an dèanamh suas le modalan riatanach (a bhios a' ruith aig gach ìre tro gach prògram an cumantas) agus modalan spèisealta.

Feumaidh oileanach Modal Roghainneil a dhèanamh, .i.e. modal a thèid a thaghadh aon chuid bhon cheum a tha ga dhèanamh, bho cheum eile san Sgeama no, le cead Stiùiriche a' Phrògraim, bho cheum eile aig OGE, cho fad 's a bhios am modal ri fhaighinn ann an cruth astair. (Is ann sa Bheurla, mar as trice, a thèid modalan a lìbhrigeadh bho cheumannan bho thaobh a-muigh na Sgeama.) Faodaidh am modal seo a bhith aig Ìre SCQF 8, SCQF 9 no SCQF 10.

Gus am BA a thoirt a-mach, bidh oileanaich a' dèanamh dà mhodal Riatanach na Sgeama, trì modalan bho phrògram Cànan is Cultar , is aon mhodal Roghainneil.

                                                    

Ìre 3 (SCQF 9)

Modalan

À€ireamh mhodalan ri dhèanamh

 
  • Gàidhlig 3
  • Sgilean Rannsachaidh

2

Modalan Cànan is Cultar na Gàidhlig

  • Eachdraidh is Leasachadh a' Chànain
  • Dualchas Gàidhlig
  • Rosg Gàidhlig
  • Bàrdachd 1600-1900
  • Sgrìobhadh Cruthachail
  • Na Dualchainntean Gàidhlig

3

Modal Roghainneil

  • Feallsanachd Eòrpach
  • Modal air astar eile bho SCQF ìre 8, 9,10

1

Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich air acfhainn coimpiutair a fhreagras feumalachdan nam modalan fa leth.

Am bitheantas, bidh seo a' toirt a-steach na leanas: coimpiutair agus ceangal ris an Eadar-lìon; sealladair lìn (a leithid Firefox no Internet Explorer); agus prògram puist-dealain '€“ 's e Microsoft Office 365 am prògram a chleachdas luchd-teagaisg gus conaltradh ri oileanaich. Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich cuideachd air fòn airson chlasaichean oide fòn. Cha bu chòir fon-làimh no Skype a chleachdadh, oir bidh iad ag adhbhrachadh trioblaidean fuaim sa chlas.

Tha goireasan ionnsachaidh airson mhodalan a thèid a theagasg air astar air an cur ri chèile agus rim faighinn air Blackboard (an àrainn foghlaim mas-fhìor aig OGE). An dèidh clàradh, gheibh oileanaich cead agus cothrom air an stuth air Blackboard.

Mar as trice, bidh 2 chlas oide fòn gach seachdain mu choinneimh gach modail '€“ uairean rin dearbhadh. Gheibh oileanaich liosta de chlasaichean oide, de mheasaidhean agus de stuthan ionnsachaidh aig toiseach gach semeastair.

 

Inntrigeadh

Ma shoirbhicheas le oileanaich aig Ìre 2 (SCQF 8) de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, bidh aca ri tighinn suas ris na feumalachdan adhartais mus tèid iad bho Ìre 2 gu Ìre 3:

a. Feumaidh oileanaich air an Dioplòma 50% aig a' char as lugha fhaighinn ann an Gàidhlig 2 agus 40% aig a' char as lugha fhaighinn anns na modalan eile a rinneadh aig SCQF ìre 8.

b. Gheibh oileanaich eile a-steach le cead bho Roinn an Fhoghlaim, ma thèid a cho-dhùnadh gu bheil iad comasach air amasan Ìre 3 a choileanadh agus slatan-tomhais am BA a ruigsinn, agus cuideachd gu bheil iad comasach air a' Ghàidhlig a chur an cleachdadh aig an ìre inntrigidh cheart.

 

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/

 

Slighean Adhartais

Ma shoirbeachas le oileanaich BA fhaighinn, bidh cothrom aca BA  (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig air astar no aig a' Cholaiste a dhèanamh.

 

A' cur a-steach

Cuir post-d dhan Oifigear Inntrigidh air astar@smo.uhi.ac.ukno fòn thuice air  +44 (0) 1471 888304.

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

 

Clàran-ama

Clàr-ama nam Modalan airson 2017-18

NB Mothaich gur dòcha gun tèid an liosta a leanas atharrachadh ma bhios duilgheadasan clàir-ama a' nochdadh.

Semeastar 1

Semeastar 2

  • Sgilean Rannsachaidh
  • Dualchas Gàidhlig
  • Bàrdachd 1600-1900
  • Feallsanachd Eòrpach (Roghainneil)
  • Rosg Gàidhlig

Gàidhlig 3

Modal roghainneil eile (Semeastar 1 no 2)