Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

BA Gàidhlig agus Leasachadh

Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar astar@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

Tha am BA air astar stèidhichte aig SCQF 9 agus tha e an aon rud ri Ìre 3 den cheum BA air taobh a-staigh na Colaiste.  Gu h-àbhaisteach, tha am BA air astar ga dhèanamh pàirt-ùine.

Tha an cùrsa seo ag amas air oileanaich a thrèanadh ann an leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh choimhearsnachdan. Tha cothroman obrach a' leudachadh san roinn seo, leis gum feum buidhnean oifigearan cànain comasach fhastadh, airson planaichean Gàidhlig a dhealbh, a rèir iarrtasan Achd na Gàidhlig 2005.

Bidh thu a' dèanamh choimeasan eadar coimhearsnachdan na Gàidhlig agus mion-chànanan agus cultaran eile ann an Èirinn, a' Chuimrigh, tìr-mòr na Roinn Eòrpa, Lochlann agus Ameireaga a Tuath.

 

Sùsbaint a' Chùrsa

Tha 6 modalan ri dhèanamh aig ìre 3, air an dèanamh suas le modalan riatanach (a bhios a' ruith aig gach ìre tro gach prògram an cumantas) agus modalan spèisealta.

Feumaidh oileanach Modal Roghainneil a dhèanamh, .i.e. modal a thèid a thaghadh aon chuid bhon cheum a tha ga dhèanamh, bho cheum eile san Sgeama no, le cead Stiùiriche a' Phrògraim, bho cheum eile aig OGE, cho fad 's a bhios am modal ri fhaighinn ann an cruth astair. (Is ann sa Bheurla, mar as trice, a thèid modalan a lìbhrigeadh bho cheumannan bho thaobh a-muigh na Sgeama.) Faodaidh am modal seo a bhith aig Ìre SCQF 8, SCQF 9 no SCQF 10.

Gus am BA a thoirt a-mach, bidh oileanaich a' dèanamh dà mhodal Riatanach na Sgeama, trì modalan bho phrògram Gàidhlig agus Leasachadh, is aon mhodal Roghainneil.

                                                    

Ìre 3 (SCQF 9)

Modal

À€ireamh mhodalan ri dhèanamh

 Modalan Riatanach

Gàidhlig 3

Sgilean Rannsachaidh

 

2

Modalan Gàidhlig agus Leasachadh

Poileasaidh is Plana Cànain 1

Mothachadh Cànain

Dlùth-chruinneas agus Coimhearsnachdan Iomallach

Leasachadh Coimhearsnachdan Gàidhlig: Sgilean Pragtaigeach

Leasachadh Choimhearsnachdan san 21mh linn

Nàiseantachd agus Fèin-Aithne Nàiseanta

3

Modal Roghainneil

Feallsanachd Eòrpach

Modal air astar eile bho SCQF ìre 8, 9,10

1

 

Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich air acfhainn coimpiutair a fhreagras feumalachdan nam modalan fa leth.

Am bitheantas, bidh seo a' toirt a-steach na leanas: coimpiutair agus ceangal ris an Eadar-lìon; sealladair lìn (a leithid Firefox no Internet Explorer); agus prògram puist-dealain '€“ 's e Microsoft Office 365 am prògram a chleachdas luchd-teagaisg gus conaltradh ri oileanaich. Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich cuideachd air fòn airson chlasaichean oide fòn. Cha bu chòir fon-làimh no Skype a chleachdadh, oir bidh iad ag adhbhrachadh trioblaidean fuaim sa chlas.

Tha goireasan ionnsachaidh airson mhodalan a thèid a theagasg air astar air an cur ri chèile agus rim faighinn air Blackboard (an àrainn foghlaim mas-fhìor aig OGE). An dèidh clàradh, gheibh oileanaich cead agus cothrom air an stuth air Blackboard.

Mar as trice, bidh 2 chlas oide fòn gach seachdain mu choinneimh gach modail '€“ uairean rin dearbhadh. Gheibh oileanaich liosta de chlasaichean oide, de mheasaidhean agus de stuthan ionnsachaidh aig toiseach gach semeastair.

 

Inntrigeadh

Ma shoirbhicheas le oileanaich aig Ìre 2 (SCQF 8) de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, bidh aca ri tighinn suas ris na feumalachdan adhartais mus tèid iad bho Ìre 2 gu Ìre 3:

a. Feumaidh oileanaich air an Dioplòma 50% aig a' char as lugha fhaighinn ann an Gàidhlig 2 agus 40% aig a' char as lugha fhaighinn anns na modalan eile a rinneadh aig SCQF ìre 8.

b. Gheibh oileanaich eile a-steach le cead bho Roinn an Fhoghlaim, ma thèid a cho-dhùnadh gu bheil iad comasach air amasan Ìre 3 a choileanadh agus slatan-tomhais am BA a ruigsinn, agus cuideachd gu bheil iad comasach air a' Ghàidhlig a chur an cleachdadh aig an ìre inntrigidh cheart.

 

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/

 

Slighean Adhartais

Ma shoirbeachas le oileanaich BA fhaighinn, bidh cothrom aca BA (le Urram) Gàidhlig is Leasachadh air astar no aig a' Cholaiste a dhèanamh.

 

A' cur a-steach

Cuir post-d dhan Oifigear Inntrigidh air astar@smo.uhi.ac.uk no fòn thuice air  +44 (0) 1471 888304.

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

 

Clàran-ama

Clàr-ama nam Modalan airson 2012-13

NB Mothaich gur dòcha gun tèid an liosta a leanas atharrachadh ma bhios duilgheadasan clàir-ama a' nochdadh.

Semeastar 1

Semeastar 2

  • Sgilean Rannsachaidh
  • Poileasaidh is Plana Cànain 1
  • Dlùth-chruinneas agus Coimhearsnachdan Iomallach
  • Feallsanachd Eòrpach (Roghainneil)
  • Mothachadh Cànain
  • Leasachadh Choimhearsnachdan san 21mh linn

 

Gàidhlig 3

Modal roghainneil eile (Semeastar 1 no 2)