BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig
Ceum: BA, BA (Hons)
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 3 Bliadhna airson BA, 4 Bliadhna airson BA le Urram
Còd: Q530
Neach-stiùiridh:
Eilidh Ghrannd
iarrtas@smo.uhi.ac.uk
Mun a' Chùrsa
Air a' chùrsa seo bidh thu a' sgrudadh Gaidhealtachd an latha an-diugh 's an latha an-dè agus a' ruighinn sàr ìre comais ann an Gàidhlig. Sa cheathramh bliadhna, bidh cothrom agad siubhal gu oilthigh ann an Canada no Èirinn, a bheir sealladh dhut air farsaingeachd saoghal nan Gàidheal. Bidh na sgilean a thogas tu air a' chùrsa a' toirt fior chothrom dhut air na cothroman obrach a bhios a' nochdadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh.
Sùsbaint a' Chùrsa
Bliadhna 1
|
Airson roghainnean aig Ìre SCQF 7, faic An Cùrsa Comais, An Cùrsa Adhartais & Gàidhlig agus Conaltradh. |
Bliadhna 2
|
Modalan Riatanach |
Modalan Roghainneil |
|
|
|
Bliadhna 3
|
Modalan Riatanach |
Modalan Roghainneil |
|
|
|
Bliadhna 4
|
Modalan Riatanach |
Modalan Roghainneil |
|
|
Inntrigeadh
- 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig B, B agus C no nas àirde. Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd-ìre aig B, no nas àirde, nam measg; no
- 2 A Level aig ìre BC no nas àirde
- dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.
Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan
Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlaim air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.
Tha greis gnìomhachais na mhodal riatanach air a chùrsa seo agus bhiodh teisteanas PVG a dhìth nan robh an t-oileanach ga dhèanamh ann an sgoil no ionad cùram cloinne.
Cìsean is Maoineachadh
Airson cìsean thèid chun a' cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/
Slighean Adhartais
A' cur a-steach
Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a chleachdadh. 'S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.
Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh tu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais oileanaich eadar-nàiseanta OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
Fios mu iarrtasan:
Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: 01471 888304
Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:
Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
Àireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K