Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta

Ceum: BA, BA (Hons)
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 3 bliadhna airson BA, 4 bliadhna airson BA Hons
Còd: QW53
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd iarrtas@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

'S e seo an aon chùrsa ceuma tro mheadhan na Gàidhlig far am faigh luchd-ciùil traidiseanta cothrom ceòl, eachdraidh agus dualchas na Gàidhealtachd a sgrùdadh ann an doimhneachd, taobh a-staigh sgeama Gàidhlig agus Cuspairean co-cheangailte.

Gheibh thu teagasg aon gu aon ann an spèisealachadh an oileanaich, a thuilleadh air obair-buidhne, seinn, teòiridh ciùil, cruthachadh is cothromachadh, eachdraidh cèol na Gàidhlig agus sgilean eile a bhios a dhìth airson dreuchdan ciùil mar eòlas gnìomhachais, clàradh is riochdachadh.

Gheibh thu teagasg air sgilean traidiseanta taisbeanaidh/cluiche anns na h-ionnstramaidean a leanas ach thèid beachdachadh air cothroman ionnstramaidean eile a dhèanamh cuideachd ma chuireas tu fios anns an iarrtas agad: Bocsa, Fidheall, Feadan, Òrain Ghàidhlig, A' Phìob Mhòr, Clàr-iuchrach agus Clarsach.

Sùsbaint a' Chùrsa

Bithear a' sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a' chùrsa agus a rèir nan comasan agad bidh thu a' leanntainn a' Chùrsa Chomais no Gàidhlig is Conaltradh anns a' chiad bhliadhna.

Sa chiad bhliadhna, gheibh thu na modalan ciùil annas-làimhe (obair buidhne, teagasg aon-gu-aon agus seinn buidhne) agus teòiridh, cruthachadh is cothromachadh.

Bidh annas-làimhe, òrain Ghàidhlig, agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig san dàrna bliadhna.

Bidh thu a' dèanamh pròiseact, agus a' tòiseachadh rianachd ghnìomhachais agus clàradh is riochdachadh air an treas bliadhna. Thèid tuilleadh ionnsachadh mu annas-làimhe agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig agus bidh cothrom ann air foghlam ciùil ionnsachadh.

Bidh agad ri tràchdas a dhèanamh air a' cheathramh bliadhna agus tuilleadh air annas-làimhe, clàradh is riochdachadh agus rianachd ghnìomhachais.

Inntrigeadh

  • 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig BBC no nas àirde.  Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd-ìre aig B, no nas àirde, nam measg; no
  • 2 A Level aig ìre BC no nas àirde
  • dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.

Bu chòir dhut a bhith air faighinn tro dheuchainn ìre 5 an '€˜associated board' mus tòisich thu.

Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan.

Bidh agallamh agad airson dearbhadh dè an cùrsa bu fhreagarraiche dhut air a’ chiad bhliadhna, a rèir nan comasan labhairt agad.  Bidh deuchainn ciùil ri dhèanamh cuideachd.

Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean

A' cur a-steach

A' Cur Iarrtas Thugainn

Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a' chleachdadh. '€˜S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.

Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh tu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.

Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais oileanaich eadar-nàiseanta  OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.


Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
 

Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:

Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
ireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K