Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh

Ceum: BA, BA (Hons)
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 3 bliadhna airson BA, 4 bliadhna airson BA le Urram
Còd: Q505
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd iarrtas@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

Bheir an ceum seo sgilean obrach dhut air a bheil fèill mhòr ann an Alba, a' toirt dhut an cothrom as fhèarr sa mhargaidh-obrach airson eòlas fhaighinn air poileasaidh cànain agus leasachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd.  A' tarraing air eisimplearan eadar-nàiseanta, tha an cùrsa a' deasbad mar as urrainnear a' Ghàidhlig agus a lìonraidhean sa choimhearsnachd a bhith air an neartachadh.  Air a' bhliadhna urraim, faodaidh tu taghadh a dhèanamh a dhol gu oilthigh ann an Canada no Èirinn fad semeastair.

Sùsbaint a' Chùrsa

 

Bliadhna 1
SCQF Ìre 7

      Airson roghainnean aig Ìre SCQF 7, faic An Cùrsa Comais, An Cùrsa Adhartais & Gàidhlig
         agus Conaltradh.

 

     

Bliadhna 2
SCQF Ìre 8

     Modalan Riatanach

     Modalan Roghainneil

 

  • Gàidhlig 2
  • Cànan, Cultar agus Cinnidheachd
  • Saoghal na Gàidhlig 2
  • A' Ghàidhlig An-dè is An-diugh
  • Eachdraidh Shòisealta na Gàidhealtachd
  • Leasachadh air a' Ghàidhealtachd agus
    Roinnean Iomallach
     

Bliadhna 3
SCQF Ìre 9

    Modalan Riatanach

    Modalan Roghainneil

 

  • Gàidhlig 3
  • Sgilean Rannsachaidh
  • Poileasaidh is Planadh Cànain 1
  • Nàiseantachd is Fèin-aithneachadh Nàiseanta
  • Leasachadh Choimhearsnachdan san 21 linn
  • Mothachadh Cànain
  • Dlùth-chruinneas agus Coimhearsnachdan Iomallach
  • Leasachadh Choimhearsnachdan Gàidhlig:
    Sgilean Practaigeach
     

Bliadhna 4
SCQF Ìre 10

    Modalan Riatanach

    Modalan Roghainneil

 

  • Tràchdas Ceuma
  • Poileasaidh Cànain san Àite-obrach
  • Poileasaidh is Plana Cànain 2
  • Imrich
  • Leasachadh Seasmhach
  • Sgilean Eadar-theangachaidh

 

Inntrigeadh

  • 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig B, B agus C no nas àirde.  Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd-ìre aig B, no nas àirde, nam measg; no
  • 2 A Level aig ìre BC no nas àirde
  • dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.

Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan

Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-steach gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/

Slighean Adhartais

Tha grunn math obraichean ann an Alba far a bheil a' Ghàidhlig riatanach no na cuideachadh, an dà chuid san roinn phoblaich agus san roinn phrìobhaidich.

Bidh na sgilean a thogas tu fhad 's a tha thu còmhla rinn a' toirt fìor chothrom dhut air na diofar obraichean a bhios a' nochdadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh '€“ anns na meadhanan, foghlam, seirbheisean poblach, cultar is dualchas, na h-ealain, eadar-theangachadh, leasachadh na Gàidhlig agus obair sa choimhearsnachd.

Mar oileanach an t-Sabhail bidh cothrom agad greis gnìomhachais a chur seachad sa chiad bhliadhna den chùrsa a bhios a' cur gu mòr ri na sgilean cànain agus obrach agad. Bidh sinn a' feuchainn ri oileanaich a chur air greisean gnìomhachais a bhios freagarrach, ann an coimhearsnachdan far a bheil an cànan cudromach, eadar sgìrean dùthchail anns na h-Eileanan Siar, agus suidheachaidhean bailteil mar Ghlaschu far a bheil buidhnean leithid am BBC stèidhichte, agus Dùn Èideann far a bheil Pàrlamaid na h-Alba.

Gheibh thu fiosrachadh air obraichean tha gan sanasachd an-dràsta agus iomadh cothrom eile a th' ann do dh'€™oileanaich Ghàidhlig air làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig.

A' cur a-steach

A' Cur Iarrtas Thugainn

Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a chleachdadh. '€˜S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.

Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh thu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn,  a  lìonadh agus a chur air ais.

Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de  fhoirm iarrtais oileanaich eadar-nàiseanta OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.


Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
 

Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:

Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
ireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K