Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan

Ceum: BA, BA (Hons)
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 3 bliadhna airson BA, 4 bliadhna airson BA le Urram
Còd: QP53
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd iarrtas@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

'S e cùrsa gach cuid brosnachail a thaobh foghlaim agus freagarrach don ghnìomhachas a th' anns a' chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan, a bheir dhut cothrom fileantachd fhaighinn sa chànan agus sin a chur gu feum ann an rannsachadh air meadhanan an là an-diugh.

Tha na h-eileamaidean a tha a' dèiligeadh ris na meadhanan sa mhòr-chuid feallsanachail. Tha iad ann gus na h-oileanaich a dhèanamh mothachail air na suidheachaidhean cultarail, sòisealta, poileataigeach agus teicneolach anns a bheil meòir fa leth de na meadhanan ag obair, gu h-àraid craobh-sgaoileadh, an t-eadar-lìon agus film.

Tha cothroman practaigeach ann cuideachd, a' cleachdadh teicneòlas digiteach ùr-nodha gus dearbhadh mar a thèid feallsanachd a chur an cèill.

Sùsbaint a' Chùrsa

Thathar a' sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a' chùrsa agus a rèir na comasan agad bidh thu a' leanntainn An Cùrsa Comais no Gàidhlig is Conaltradh anns a' chiad bhliadhna.

Gheibh thu na cuspairean a leanas air an dàrna bliadhna: Gàidhlig, na meadhanan, sgrìobhadh airson rèidio agus telebhisean, agus mòr-mheadhanan is cultar.

Bidh na cuspairean a leanas agad san treasamh bliadhna: sgilean rannsachaidh, film ann an Alba, sgrìobhadh cruthachail, agus riaghladh nam meadhanan.

Bidh thu a' dèanamh tràchdas air a' cheathramh bliadhna a thuilleadh air modailean eile leithid na meadhanan ann an Èirinn, riochdachadh rèidio, agus sgrùdadh luchd-amhairc.

Inntrigeadh

 

Airson faighinn a-steach gu dìreach gu cùrsa ceum:

Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte le trì aca aig àrd-ìre. Bhiodh e na b'€™fheàrr nam biodh Gàidhlig, Fileantaich no Luchd-ionnsachaidh, nam measg

 

Airson Cert HE (ìre aon) a-mhàin:

Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte le dhà dhiubh aig àrd-ìre.

 

Dh'€™fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le stiùiriche a' phrògraim

Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan

Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Ghàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre aon de na prògraman ceuma.

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/

A' cur a-steach

A' Cur Iarrtas Thugainn

Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a chleachdadh. '€˜S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.

Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh thu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn,  a  lìonadh agus a chur air ais.

Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de  fhoirm iarrtais oileanaich eadar-nàiseanta OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.

Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
 

Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:

Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
ireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K