Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh

Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar astar@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

Tha am BA (le Urram) air astar stèidhichte aig SCQF 10 agus tha e an aon rud ri Ìre 4 den cheum BA (le Urram) air taobh a-staigh na Colaiste.  Gu h-àbhaisteach, tha am BA (le Urram) air astar ga dhèanamh pàirt-ùine.

Tha an cùrsa seo ag amas air oileanaich a thrèanadh ann an leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh choimhearsnachdan. Tha cothroman obrach a' leudachadh san roinn seo, leis gum feum buidhnean oifigearan cànain comasach fhastadh, airson planaichean Gàidhlig a dhealbh, a rèir iarrtasan Achd na Gàidhlig 2005.

Bidh thu a' dèanamh choimeasan eadar coimhearsnachdan na Gàidhlig agus mion-chànanan agus cultaran eile ann an Èirinn, a' Chuimrigh, tìr-mòr na Roinn Eòrpa, Lochlann agus Ameireaga a Tuath.

 

Sùsbaint a' Chùrsa

Tha 6 modalan aig ìre 4, air an dèanamh suas le modalan spèisealta agus modal riatanch, Tràchdas Ceuma. 'S e modal dùbailte a tha seo.

Tha cead aig oileanach cuideachd aon mhodal roghainneil a dhèanamh, .i.e. modal a thèid a thaghadh aon chuid bhon cheum a tha ga dhèanamh, bho cheum eile san Sgeama no, le cead Stiùiriche a' Phrògraim, bho cheum eile aig OGE, cho fad 's a bhios am modal ri fhaighinn ann an cruth astair. (Is ann sa Bheurla, mar as trice, a thèid modalan a lìbhrigeadh bho cheumannan bho thaobh a-muigh na Sgeama.) Faodaidh am modal seo a bhith aig Ìre SCQF 9 no SCQF 10.

Gus am BA (le Urram) a thoirt a-mach, bidh oileanaich a' dèanamh an Tràchdas Ceuma, (creideasan luach dà mhodal), trì modalan spèisealta bhon phrògram Gàidhlig is Leasachadh agus aon mhodal roghainneil.

 

Ìre 4 (SCQF 10)

Modalan

À€ireamh mhodalan ri dhèanamh

Riatanach

Tràchdas Ceuma

 1(x 2)

Modalan Gàidhlig is Leasachadh

Poileasaidh is Plana Cànain 2

Poileasaidh Cànain san Àite-obrach

Leasachadh Seasmhach

Imrich

3

Modal Roghainneil

Sgilean Eadar-theangachaidh

Modal air astar eile bho SCQF ìre 9 no10

1

 

Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich air acfhainn coimpiutair a fhreagras feumalachdan nam modalan fa leth.

Am bitheantas, bidh seo a' toirt a-steach na leanas: coimpiutair agus ceangal ris an Eadar-lìon; sealladair lìn (a leithid Firefox no Internet Explorer); agus prògram puist-dealain '€“ 's e Microsoft Office 365 am prògram a chleachdas luchd-teagaisg gus conaltradh ri oileanaich. Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich cuideachd air fòn airson chlasaichean oide fòn. Cha bu chòir fon-làimh no Skype a chleachdadh, oir bidh iad ag adhbhrachadh trioblaidean fuaim sa chlas.

Tha goireasan ionnsachaidh airson mhodalan a thèid a theagasg air astar air an cur ri chèile agus rim faighinn air Blackboard (an àrainn foghlaim mas-fhìor aig OGE). An dèidh clàradh, gheibh oileanaich cead agus cothrom air an stuth air Blackboard.

Mar as trice, bidh 2 chlas oide fòn gach seachdain mu choinneimh gach modal. A thaobh an Tràchdas Ceuma, bidh clasaichean taic ann aig amannan a thèid aontachadh le stiùiriche a' mhodail agus stiùiriche pearsanta an tràchdais.

Gheibh oileanaich liosta de chlasaichean oide, de mheasaidhean agus de stuthan ionnsachaidh aig toiseach gach semeastair.

 

Inntrigeadh

Ma shoirbhicheas le oileanaich aig Ìre 3 (SCQF 9) de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, bidh aca ri tighinn suas ris na feumalachdan adhartais mus tèid iad bho Ìre 3 gu Ìre 4:

a. Feumaidh oileanaich aig ìre 3 (BA) 50% aig a' char as lugha fhaighinn ann an Gàidhlig 3 agus 40% aig a' char as lugha fhaighinn anns na modalan eile a rinneadh aig SCQF ìre 9.

b. Gheibh oileanaich eile a-steach le cead bho Roinn an Fhoghlaim, ma thèid a cho-dhùnadh gu bheil iad comasach air amasan Ìre 4 a choileanadh agus slatan-tomhais am BA (le Urram) a ruigsinn, agus cuideachd gu bheil iad comasach air a' Ghàidhlig a chur an cleachdadh aig an ìre inntrigidh cheart.

 

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/

 

A' cur a-steach

Cuir post-d dhan Oifigear Inntrigidh air astar@smo.uhi.ac.uk no fòn thuice air  +44 (0) 1471 888304.

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ