BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh
Ceum: BA, BA (Hons)
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 3 bliadhna airson BA, 4 bliadhna airson BA le Urram
Còd: Q505
Neach-stiùiridh:
Eilidh Ghrannd .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Mun a' Chùrsa
Tha an cùrsa seo ag amas air oileanaich a thrèanadh ann an leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh choimhearsnachdan. Tha cothroman obrach a' leudachadh san roinn seo, leis gum feum buidhnean oifigearan cànain comasach fhastadh, airson planaichean Gàidhlig a dhealbh, a rèir iarrtasan Achd na Gàidhlig 2005.
Bidh thu a' dèanamh choimeasan eadar coimhearsnachdan na Gàidhlig agus mion-chànanan agus cultaran eile ann an Èirinn, a' Chuimrigh, tìr-mòr na Roinn Eòrpa, Lochlann agus Ameireaga a Tuath. Bheir iomlaid ri oilthighean ann an Èirinn is ann an Canada dhut cothrom dha-rìreabh sealladh fhaighinn air farsaingeachd saoghal nan Gàidheal.
Sùsbaint a' Chùrsa
Thathar a' sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a' chùrsa agus a rèir nan comasan agad bidh thu a' leantainn A' Chùrsa Chomais no Gàidhlig is Conaltradh air a' chiad bhliadhna.
Gheibh thu na cuspairean a leanas air an dàrna bliadhna; A' Ghàidhlig an-Dè agus an-Diugh; Saoghal na Gàidhlig 2; Iomall a' Chuain Siar an-Diugh; Leasachadh air a' Ghàidhealtachd; Eachdraidh Shòisealta na Gàidhealtachd.
Bidh na cuspairean a leanas air an treas bliadhna: Poileasaidh is Plana Cànain 1; Mothachadh Cànain; Leasachadh Coimhearsnachdan Gàidhlig: Sgilean Practaigeach; Coimhearsnachdan san 21mh Linn; Nàiseantachd agus Fèin-aithne Nàiseanta.
Bidh thu a' dèanamh Tràchdas air a' cheathramh bliadhna a thuilleadh air modalan eile leithid Poileasaidh is Plana Cànain 2; Poileasaidh Cànain san Àite-obrach; Leasachadh Seasmhach; Imrich.
Inntrigeadh
Airson faighinn a-steach gu dìreach gu cùrsa ceuma:
Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte agus trì aca aig àrd-ìre. Bhiodh e na b' fheàrr nam biodh Gàidhlig, Fileantaich no Luchd-ionnsachaidh, nam measg
Airson Cert HE (ìre aon) a-mhàin:
Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte agus dhà dhiubh aig àrd-ìre
Dh'fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le stiùiriche a' phrògraim
Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan
Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-steach gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.
Cìsean is Maoineachadh
Thèid cìsean a' chùrsa agad a mheas a rèir diofar shuidheachaidhean, a leithid, cò às a tha thu, càite bheil thu a' fuireach agus dè an cùrsa a tha thu ag iarraidh.
Oileanaich a' fuireach ann an Alba no san Aonadh Eòrpach,
Tha na cìsean a leanas an lùib cùrsa fo-cheum (ceum no Cert HE) airson 2012-13:
|
Ceuman (BA Urram) |
Cìs |
|
Làn-thìde gach bliadhna |
£1,820 |
|
Teisteanasan HN (Cert HE) |
|
|
Làn-thìde gach bliadhna |
£1,285 |
Feumar cìsean a rèiteachadh ro làimh mura faighear cead airson an caochladh a dhèanamh.
Tha uimhir dòighean maoineachaidh ri fhaighinn airson oileanaich RA is AE a chuidicheas le cìsean a' chùrsa agad agus leis na cosgaisean fuirich agad.
Oileanaich às a' Chòrr den RA (RUK)
Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich às a' chòrr den RA (Sasainn, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath) air cùrsa làn-thìde ann an 2012-13:
£7,500 gach bliadhna gu 3 bliadhnaichean leantainneach (ceathramh bliadhna an asgaidh)
Bidh gach cùrsa CertHE a' cosg £6,000 gach bliadhna airson cùrsa làn-thìde agus cuideachd ma tha an cùrsa sin an lùib cùrsa ceuma.
'S e £22,500 a' chosgais as àirde airson cùrsa ceuma 4 bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
'S e £6,000 cìs na ciad agus/no na dàrna bliadhna ma bhios teisteanas HN an lùib a' chùrsa agus £7,500 anns an dàrna agus/no an treas bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
Oileanaich eadar-nàiseanta
Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich nach eil a' fuireach san RA no an Aonadh Eòrpach ann an 2012-13:
|
Ceuman (3 no 4 bliadhna) |
Cìs |
|
Làn-thìde gach bliadhna (120 creideas) |
£8,000 |
|
Teisteanasan HN (CertHE) |
|
|
Làn-thìde gach bliadhna |
£6,000 |
Tha cùrsa CertHE ann fad bliadhna (dà shemeastar) agus e co-ionnan ris a' chiad bhliadhna de chùrsa ceuma.
Mar oileanach eadar-nàiseanta tha uimhir cothroman maoineachaidh ri fhaighinn. Faodaidh tu bruidhinn leis an Ionad Eadar-Nàiseanta aig OGE airson comhairle mhaoineachaidh.
Slighean Adhartais
Tha grunn math obraichean ann an Alba far a bheil a' Ghàidhlig riatanach no na cuideachadh, an dà chuid san roinn phoblaich agus san roinn phrìobhaidich.
Bidh na sgilean a thogas tu fhad 's a tha thu còmhla rinn a' toirt fìor chothrom dhut air na diofar obraichean a bhios a' nochdadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh ' anns na meadhanan, foghlam, seirbheisean poblach, cultar is dualchas, na h-ealain, eadar-theangachadh, leasachadh na Gàidhlig agus obair sa choimhearsnachd.
Mar oileanach an t-Sabhail bidh cothrom agad greis gnìomhachais a chur seachad sa chiad bhliadhna den chùrsa a bhios a' cur gu mòr ri na sgilean cànain agus obrach agad. Bidh sinn a' feuchainn ri oileanaich a chur air greisean gnìomhachais a bhios freagarrach, ann an coimhearsnachdan far a bheil an cànan cudromach, eadar sgìrean dùthchail anns na h-Eileanan Siar, agus suidheachaidhean bailteil mar Ghlaschu far a bheil buidhnean leithid am BBC stèidhichte, agus Dùn Èideann far a bheil Pàrlamaid na h-Alba.
Gheibh thu fiosrachadh air obraichean tha gan sanasachd an-dràsta agus iomadh cothrom eile a th' ann do dh'oileanaich Ghàidhlig air làrach-lìn Chomunn na Gàidhlig.
A' cur a-steach
A' Cur Iarrtas Thugainn
Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a chleachdadh. 'S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.
Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh thu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
Fios mu iarrtasan:
Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: 01471 888304
Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:
Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
Àireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K