BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan
Ceum: BA, BA (Hons)
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 3 bliadhna airson BA, 4 bliadhna airson BA le Urram
Còd: QP53
Neach-stiùiridh:
Eilidh Ghrannd .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Mun a' Chùrsa
'S e cùrsa gach cuid brosnachail a thaobh foghlaim agus freagarrach don ghnìomhachas a th' anns a' chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan, a bheir dhut cothrom fileantachd fhaighinn sa chànan agus sin a chur gu feum ann an rannsachadh air meadhanan an là an-diugh.
Tha na h-eileamaidean a tha a' dèiligeadh ris na meadhanan sa mhòr-chuid feallsanachail. Tha iad ann gus na h-oileanaich a dhèanamh mothachail air na suidheachaidhean cultarail, sòisealta, poileataigeach agus teicneolach anns a bheil meòir fa leth de na meadhanan ag obair, gu h-àraid craobh-sgaoileadh, an t-eadar-lìon agus film.
Tha cothroman practaigeach ann cuideachd, a' cleachdadh teicneòlas digiteach ùr-nodha gus dearbhadh mar a thèid feallsanachd a chur an cèill.
Sùsbaint a' Chùrsa
Thathar a' sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a' chùrsa agus a rèir na comasan agad bidh thu a' leanntainn An Cùrsa Comais no Gàidhlig is Conaltradh anns a' chiad bhliadhna.
Gheibh thu na cuspairean a leanas air an dàrna bliadhna: Gàidhlig, na meadhanan, sgrìobhadh airson rèidio agus telebhisean, agus mòr-mheadhanan is cultar.
Bidh na cuspairean a leanas agad san treasamh bliadhna: sgilean rannsachaidh, film ann an Alba, sgrìobhadh cruthachail, agus riaghladh nam meadhanan.
Bidh thu a' dèanamh tràchdas air a' cheathramh bliadhna a thuilleadh air modailean eile leithid na meadhanan ann an Èirinn, riochdachadh rèidio, agus sgrùdadh luchd-amhairc.
Inntrigeadh
Airson faighinn a-steach gu dìreach gu cùrsa ceum:
Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte le trì aca aig àrd-ìre. Bhiodh e na b'fheàrr nam biodh Gàidhlig, Fileantaich no Luchd-ionnsachaidh, nam measg
Airson Cert HE (ìre aon) a-mhàin:
Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte le dhà dhiubh aig àrd-ìre.
Dh'fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le stiùiriche a' phrògraim
Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan
Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Ghàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre aon de na prògraman ceuma.
Cìsean is Maoineachadh
Thèid cìsean a' chùrsa agad a mheas a rèir diofar shuidheachaidhean, a leithid, cò às a tha thu, càite bheil thu a' fuireach agus dè an cùrsa a tha thu ag iarraidh.
Oileanaich a' fuireach ann an Alba no san Aonadh Eòrpach,
Tha na cìsean a leanas an lùib cùrsa fo-cheum (ceum no Cert HE) airson 2012-13:
|
Ceuman (BA Urram) |
Cìs |
|
Làn-thìde gach bliadhna |
£1,820 |
|
Teisteanasan HN (Cert HE) |
|
|
Làn-thìde gach bliadhna |
£1,285 |
Feumar cìsean a rèiteachadh ro làimh mura faighear cead airson an caochladh a dhèanamh.
Tha uimhir dòighean maoineachaidh ri fhaighinn airson oileanaich RA is AE a chuidicheas le cìsean a' chùrsa agad agus leis na cosgaisean fuirich agad.
Oileanaich às a' Chòrr den RA (RUK)
Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich às a' chòrr den RA (Sasainn, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath) air cùrsa làn-thìde ann an 2012-13:
£7,500 gach bliadhna gu 3 bliadhnaichean leantainneach (ceathramh bliadhna an asgaidh)
Bidh gach cùrsa CertHE a' cosg £6,000 gach bliadhna airson cùrsa làn-thìde agus cuideachd ma tha an cùrsa sin an lùib cùrsa ceuma.
'S e £22,500 a' chosgais as àirde airson cùrsa ceuma 4 bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
'S e £6,000 cìs na ciad agus/no na dàrna bliadhna ma bhios teisteanas HN an lùib a' chùrsa agus £7,500 anns an dàrna agus/no an treas bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
Oileanaich eadar-nàiseanta
Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich nach eil a' fuireach san RA no an Aonadh Eòrpach ann an 2012-13:
|
Ceuman (3 no 4 bliadhna) |
Cìs |
|
Làn-thìde gach bliadhna (120 creideas) |
£8,000 |
|
Teisteanasan HN (CertHE) |
|
|
Làn-thìde gach bliadhna |
£6,000 |
Tha cùrsa CertHE ann fad bliadhna (dà shemeastar) agus e co-ionnan ris a' chiad bhliadhna de chùrsa ceuma.
Mar oileanach eadar-nàiseanta tha uimhir cothroman maoineachaidh ri fhaighinn. Faodaidh tu bruidhinn leis an Ionad Eadar-Nàiseanta aig OGE airson comhairle mhaoineachaidh.
A' cur a-steach
A' Cur Iarrtas Thugainn
Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a chleachdadh. 'S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.
Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh thu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.
Fios mu iarrtasan:
Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: 01471 888304
Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:
Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
Àireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K