Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta

Ceum: BA, BA (Hons)
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 3 bliadhna airson BA, 4 bliadhna airson BA Hons
Còd: QW53
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd .(JavaScript must be enabled to view this email address)


Mun a' Chùrsa

'S e seo an aon chùrsa ceuma tro mheadhan na Gàidhlig far am faigh luchd-ciùil traidiseanta cothrom ceòl, eachdraidh agus dualchas na Gàidhealtachd a sgrùdadh ann an doimhneachd, taobh a-staigh sgeama Gàidhlig agus Cuspairean co-cheangailte.

Gheibh thu teagasg aon gu aon ann an spèisealachadh an oileanaich, a thuilleadh air obair-buidhne, seinn, teòiridh ciùil, cruthachadh is cothromachadh, eachdraidh cèol na Gàidhlig agus sgilean eile a bhios a dhìth airson dreuchdan ciùil mar eòlas gnìomhachais, clàradh is riochdachadh.

Gheibh thu teagasg air sgilean traidiseanta taisbeanaidh/cluiche anns na h-ionnstramaidean a leanas ach thèid beachdachadh air cothroman ionnstramaidean eile a dhèanamh cuideachd ma chuireas tu fios anns an iarrtas agad: Bocsa, Fidheall, Feadan, Òrain Ghàidhlig, A' Phìob Mhòr, Clàr-iuchrach agus Clarsach.

Sùsbaint a' Chùrsa

Bithear a' sùileachadh gum bi beagan Gàidhlig agad mus tòisich thu air a' chùrsa agus a rèir nan comasan agad bidh thu a' leanntainn a' Chùrsa Chomais no Gàidhlig is Conaltradh anns a' chiad bhliadhna.

Sa chiad bhliadhna, gheibh thu na modalan ciùil annas-làimhe (obair buidhne, teagasg aon-gu-aon agus seinn buidhne) agus teòiridh, cruthachadh is cothromachadh.

Bidh annas-làimhe, òrain Ghàidhlig, agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig san dàrna bliadhna.

Bidh thu a' dèanamh pròiseact, agus a' tòiseachadh rianachd ghnìomhachais agus clàradh is riochdachadh air an treas bliadhna. Thèid tuilleadh ionnsachadh mu annas-làimhe agus eachdraidh ceòl na Gàidhlig agus bidh cothrom ann air foghlam ciùil ionnsachadh.

Bidh agad ri tràchdas a dhèanamh air a' cheathramh bliadhna agus tuilleadh air annas-làimhe, clàradh is riochdachadh agus rianachd ghnìomhachais.

Inntrigeadh

 

Airson faighinn a-steach gu dìreach gu cùrsa ceum:

Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte le trì aca aig àrd-ìre. Bhiodh e na b' €™fheàrr nam biodh Gàidhlig, Fileantaich no Luchd-ionnsachaidh, nam measg

Bidh agad ri agallamh agus deuchainn ciùil a dhèanamh mus faigh thu àite air a' chùrsa

Bu chòir dhut a bhith air faighinn tro dheuchainn ìre 5 an '€˜associated board' mus tòisich thu

 

Airson Cert HE (ìre aon) a-mhàin:

Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte agus a dhà dhiubh aig àrd-ìre.

 

Dh'€™fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le stiùiriche a' phrògraim

Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan

Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlam air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-staigh gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma.

Cìsean is Maoineachadh

Thèid cìsean a' chùrsa agad a mheas a rèir diofar shuidheachaidhean, a leithid, cò às a tha thu, càite bheil thu a' fuireach agus dè an cùrsa a tha thu ag iarraidh.
 

Oileanaich a' fuireach ann an Alba no san Aonadh Eòrpach,

Tha na cìsean a leanas an lùib cùrsa fo-cheum (ceum no Cert HE) airson 2012-13:

 

 

Ceuman (BA Urram)

Cìs

Làn-thìde gach bliadhna

£1,820

   

Teisteanasan HN (Cert HE)

 

Làn-thìde gach bliadhna

£1,285

Feumar cìsean a rèiteachadh ro làimh mura faighear cead airson an caochladh a dhèanamh.

Tha uimhir dòighean maoineachaidh ri fhaighinn airson oileanaich RA is AE a chuidicheas le cìsean a' chùrsa agad agus leis na cosgaisean fuirich agad.
 

Oileanaich às a' Chòrr den RA (RUK)

Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich às a' chòrr den RA (Sasainn, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath) air cùrsa làn-thìde ann an 2012-13:

£7,500 gach bliadhna gu 3 bliadhnaichean leantainneach (ceathramh bliadhna an asgaidh)

Bidh gach cùrsa CertHE a' cosg £6,000 gach bliadhna airson cùrsa làn-thìde agus cuideachd ma tha an cùrsa sin an lùib cùrsa ceuma.

'€˜S e £22,500 a' chosgais as àirde airson cùrsa ceuma 4 bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
'€˜S e £6,000 cìs na ciad agus/no na dàrna bliadhna ma bhios teisteanas HN an lùib a' chùrsa agus £7,500 anns an dàrna agus/no an treas bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
 

Oileanaich eadar-nàiseanta

Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich nach eil a' fuireach san RA no an Aonadh Eòrpach ann an 2012-13:

 


Ceuman (3 no 4 bliadhna)

Cìs

Làn-thìde gach bliadhna (120 creideas)

        £8,000

   

Teisteanasan HN (CertHE)

 

Làn-thìde gach bliadhna

        £6,000

Tha cùrsa CertHE ann fad bliadhna (dà shemeastar) agus e co-ionnan ris a' chiad bhliadhna de chùrsa ceuma.

Mar oileanach eadar-nàiseanta tha uimhir cothroman maoineachaidh ri fhaighinn. Faodaidh tu bruidhinn leis an Ionad Eadar-Nàiseanta aig OGE airson comhairle mhaoineachaidh.

A' cur a-steach

A' Cur Iarrtas Thugainn

Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a' chleachdadh. '€˜S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.

Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh tu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.

Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.


Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
 

Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:

Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
ireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K