Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Teisteanas Foghlam Àrd-ìre Gàidhlig is Conaltradh

Ceum: CertHE
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 1 bliadhna
Còd: QP59
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd iarrtas@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

Tha Gàidhlig is Conaltradh na chùrsa dian, bogaidh fad bliadhna ga amas air oileanaich a tha reusanta fileanta agus a tha ag iarraidh piseach luath a thoirt air an cuid Gàidhlig.

A rèir an comasan Gàidhlig, gabhaidh ar n-oileanaich BA(Urram) uile an dàrna cuid Gàidhlig is Conaltradh no an Cùrsa Comais anns a’ chiad bhliadhna aca aig a’ cholaiste.

Cuideachd, faodar Gàidhlig is Conaltradh a ghabhail mar chùrsa bogaidh fa-leth fad bliadhna.

Air a’ chùrsa seo, gabhaidh oileanaich pàirt anns a’ choimhearsnachd tur Gàidhlig againn aig Sabhal Mòr Ostaig gus piseach luath a thoirt air an sgilean labhairt, èisteachd, sgrìobhaidh agus leughaidh anns a’ Ghàidhlig.

Tha sinn an dùil gun tig oileanaich gu Sabhal Mòr Ostaig deiseil agus deònach a’ Ghàidhlig a chleachdadh fad na h-ùine agus anns a h-uile àite air àrainn na Colaiste.

Sùsbaint a' Chùrsa

’S e cùrsa oilthighe dùbhlanach, dian a tha seo. Bidh suas ri fichead uair a thìde de chlasaichean aig na h-oileanaich gach seachdain. Rè na bliadhna, leughaidh oileanaich nobhailean Gàidhlig, sgeulachdan goirid, dàin, agus altan acadaimigeach, ullaichidh agus libhrigidh iad taisbeanaidhean Gàidhlig, gabhaidh iad pàirt ann an còmhraidhean air litreachas agus cultar nan Gàidheal, cuiridh iad tionnsgnaidhean leasachaidh Gàidhlig air dòigh air àrainn na Colaiste, sgrìobhaidh iad aistean, sgeulachdan goirid agus òrain anns a’ Ghàidhlig, cho math ri cleachdadh na Gàidhlig fad an latha mun cuairt na Colaiste.

Òraidichean

Dr Timothy Currie Armstrong (stiùiriche cùrsa)

’S e rannsaiche, ùghdar agus ceòladair Gàidhlig a th’ ann Tim Armstrong. Tha e am measg àireamh bheag de sgoilearan a tha air tràchdas PhD a sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig. Bha e na sheinneadair agus na sgrìobhadair-òrain anns na còmhlanan roc Gàidhlig, Mill a h-Uile Rud agus Na Gathan, agus ann an 2014, choisinn an nobhail Ghàidhlig fhicsean-saidheans aige, Air Cuan Dubh Drilseach, ciad nobhail Albannach as fheàrr.

 

Iain Urchardan

’S e Hearach a th’ ann an Iain agus b’ i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan a bh’ aige. Nuair a bha e sa bhun-sgoil sgrìobhadh e sgeulachdan Gàidhlig a dh’aithriseadh e fhèin aig na Mòdan. Cheumnaich Iain à Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 1988. Chuir e seachad còig bliadhnaichean na chraoladair làn-ùine air radio ’s air telebhisean. Sna 1990n sgrìobh e briathran airson òrain roc Gàidhlig a sheinn na còmhlain-ciùil ‘101’ is ‘Mise Mise’. Cheumnaich Iain à Oilthigh Obar Dheathain ann an 1996. Bhon àm sin gu 2014 bha e na Mhinistear ann an Eaglais na h-Alba is dh’eadar-theangaich e tòrr sgrìobhainnean o Bheurla gu Gàidhlig. Thòisich e a’ teagasg aig SMO ann an 2005. Chaidh a’ chiad chruinneachadh de sgeulachdan goirid aige ‘Breab Breab Breab’ a chur ann clò ann an 2017.

 

Gabhan Mac a’ Phearsain

Tha ùidh mhòr aig Gabhan ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, gu sònraichte a thaobh cleachdadh fearainn agus ann am bàtaichean. Sgrìobh e tràchdas MPhil a rinn coimeas eadar croitearachd agus obair àiteachas ann an Nirribhidh. Tha e na chroitear a bhios a’ cur seachad mìosan an t-samhraidh a’ dèanamh feur don chrodh aige. Bidh e uaireannan a-mach ann an kayak no coiseachd sna beanntan cuideachd.

Inntrigeadh

  • 3 teisteanasan SQA aig Àrd-ìre aig BBC no nas àirde.  Bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) Àrd-ìre aig B, no nas àirde, nam measg;

  • 2 A Level aig ìre BC no nas àirde;

  • teisteanasan eile le cead Stiùiriche a’ Chùrsa.

Thèid àiteachan air a' chùrsa a thabhann an dèidh agallamh le Siùiriche a' Chùrsa.

Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan.

Cìsean is Maoineachadh

Airson cìsean thèid chun a cheangal a leanas http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/

Slighean Adhartais

Ma shoirbhicheas le oileanaich anns an Teisteanas Foghlam Àrd-ìre ann an Gàidhlig is Conaltradh tha cothrom aca airson gluasad air adhart gu dàrna bliadhna prògram a' cheuma.

A' cur a-steach

A' Cur Iarrtas Thugainn

Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a' chleachdadh. 'S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.

Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh tu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.

Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais Eadar-nàiseanta OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.

Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
 

Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:

Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
Àireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K