Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Teisteanas Foghlam Àrd-ìre Gàidhlig is Conaltradh

Ceum: CertHE
Dòigh lìbhrigidh: Làn-ùine, Aig a' Cholaiste
Dè cho fada: 1 bliadhna
Còd: QP59
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd .(JavaScript must be enabled to view this email address)


Mun a' Chùrsa

'S e cùrsa fad bliadhna làn-thìde a th' ann an Gàidhlig is Conaltradh dha fileantaich is luchd-ionnsachaidh adhartach a tha airson piseach a thoirt air na sgilean sgrìobhaidh is còmhraidh aca. Bidh cothrom cuideachd aig oileanaich trì seachdainean a chur seachad air greis gnìomhachais ann an suidhachadh far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh gu làitheil.

Tha grunn math obraichean ann an Alba far a bheil Gàidhlig riatanach no na cuideachadh, an dà chuid san roinn phoblaich agus san roinn phrìobhaidich.

Bidh na sgilean a thogas tu fhad 's a tha thu còmhla rinn a' toirt fìor chothrom dhut air na diofar obraichean a bhios a' nochdadh sa Ghàidhlig san latha an-diugh anns na meadhanan, foghlam, seirbheisean poblach, cultar is dualchas, na h-ealain, eadar-theangachadh, leasachadh na Gàidhlig agus obair sa choimhearsnachd.

Mar oileanach an t-Sabhail bidh cothrom agad greis gnìomhachais a chur seachad sa chiad bhliadhna den chùrsa a bhios a' cur gu mòr ri na sgilean cànain agus obrach agad. Bidh sinn a' feuchainn ri oileanaich a chur air greisean gnìomhachais a bhios freagarrach, ann an coimhearsnachdan far a bheil an cànan cudromach, eadar sgìrean dùthchail anns na h-Eileanan Siar, agus suidheachaidhean bailteil mar Ghlaschu far a bheil buidhnean leithid am BBC stèidhichte, agus Dùn Èideann far a bheil Pàrlamaid na h-Alba.

Sùsbaint a' Chùrsa

Tha an cùrsa air a dhealbh le sia modalan. Bidh gach oileanach a' dèanamh còig modalan riatanach: Sgilean Labhairteach, Sgilean Sgrìobhaidh, Foillseachadh is Craoladh sa Ghàidhlig, Greis Gnìomhachais agus Saoghal na Gàidhlig 1.  Bidh oileanaich a' taghadh modal roghainneil bhon fheadhainn seo: Coimpiutaireachd, Annas-làimhe (Ceòl), Sgeulachdan is Òrain Ghàidhlig, Gàidhlig sna meadhanan, Na Meadhanan 1, Litreachas: Sgilean Sgrùdaidh, Cànan sa choimhearsnachd.

Inntrigeadh

 

Airson faighinn a-steach gu Teisteanas Foghlam Àrd-ìre Gàidhlig is Conaltradh:

Còig teisteanasan SQA ann an cuspairean eadar-dhealaichte agus a dhà dhiubh aig àrd-ìre

Dh'fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le stiùiriche a' phrògraim

Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan

Cìsean is Maoineachadh

Thèid cìsean a' chùrsa agad a mheas a rèir diofar shuidheachaidhean, a leithid, cò às a tha thu, càite bheil thu a' fuireach agus dè an cùrsa a tha thu ag iarraidh.
 

Oileanaich a' fuireach ann an Alba no san Aonadh Eòrpach,

Tha na cìsean a leanas an lùib cùrsa fo-cheum (ceum no Cert HE) airson 2012-13:

 

 

Ceuman (BA Urram)

Cìs

Làn-thìde gach bliadhna

£1,820

   

Teisteanasan HN (Cert HE)

 

Làn-thìde gach bliadhna

£1,285

Feumar cìsean a rèiteachadh ro làimh mura faighear cead airson an caochladh a dhèanamh.

Tha uimhir dòighean maoineachaidh ri fhaighinn airson oileanaich RA is AE a chuidicheas le cìsean a' chùrsa agad agus leis na cosgaisean fuirich agad.
 

Oileanaich às a' Chòrr den RA (RUK)

Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich às a' chòrr den RA (Sasainn, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath) air cùrsa làn-thìde ann an 2012-13:

£7,500 gach bliadhna gu 3 bliadhnaichean leantainneach (ceathramh bliadhna an asgaidh)

Bidh gach cùrsa CertHE a' cosg £6,000 gach bliadhna airson cùrsa làn-thìde agus cuideachd ma tha an cùrsa sin an lùib cùrsa ceuma.

'S e £22,500 a' chosgais as àirde airson cùrsa ceuma 4 bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
'S e £6,000 cìs na ciad agus/no na dàrna bliadhna ma bhios teisteanas HN an lùib a' chùrsa agus £7,500 anns an dàrna agus/no an treas bliadhna (4mh bliadhna an asgaidh).
 

Oileanaich eadar-nàiseanta

Bidh na cìsean a leanas aig oileanaich nach eil a' fuireach san RA no an Aonadh Eòrpach ann an 2012-13:

 


Ceuman (3 no 4 bliadhna)

Cìs

Làn-thìde gach bliadhna (120 creideas)

        £8,000

   

Teisteanasan HN (CertHE)

 

Làn-thìde gach bliadhna

        £6,000

Tha cùrsa CertHE ann fad bliadhna (dà shemeastar) agus e co-ionnan ris a' chiad bhliadhna de chùrsa ceuma.

Mar oileanach eadar-nàiseanta tha uimhir cothroman maoineachaidh ri fhaighinn. Faodaidh tu bruidhinn leis an Ionad Eadar-Nàiseanta aig OGE airson comhairle mhaoineachaidh.

Slighean Adhartais

Ma shoirbhicheas le oileanaich anns an Teisteanas Foghlam Àrd-ìre ann an Gàidhlig is Conaltradh tha cothrom aca airson gluasad air adhart gu dàrna bliadhna prògram a' cheuma.

A' cur a-steach

A' Cur Iarrtas Thugainn

Ma tha thu a' fàgail na sgoile no a' cur iarrtasan gu grunn oilthighean, feumaidh tu Universities and Colleges Admissions Service (UCAS) a' chleachdadh. 'S e seo an t-seirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh is colaiste àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte.

Mura h-eil thu nad sgoilear a' fàgail na sgoile is ma tha thu a' cur iarrtas gu Sabhal Mòr a-mhàin, cuir fios gu Oifis Chlàraidh is Iarrtasan no dh'fhaodadh tu lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.

Gheibh oileanaich eadar-nàiseanta foirmichean UCAS aig Comhairle Bhreatainn. No dh'fhaodadh oileanaich eadar-nàiseanta lethbhreac de fhoirm iarrtais OGE fhaighinn, a lìonadh agus a chur air ais.

Fios mu iarrtasan:

Oifis Chlàraidh is Inntrigidh
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ

Fòn: 01471 888304

Post-d: iarrtas@smo.uhi.ac.uk
 

Fiosrachadh feumail airson iarrtasan UCAS:

Ainm Ionaid/Institution Name: HIP
Àireamh/Code: H49
Àrainn/Campus: K