CPD/LDL ann an Leasachadh Cànain
Ceum: LDL, Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar, Pàirt-ùine
Neach-stiùiridh:
Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)
Mun a' Chùrsa
Chaidh an Cùrsa Leasachadh Dreuchdail Leantainneach (LDL) ann an Leasachadh Cànain a dhealbh gus na feumalachdan sònraichte (sic) trèanaidh agus leasachaidh aig na buidhnean Gàidhlig agus ùghdarrasan poblach a dh’fheumas Planaichean Gàidhlig a dhealbh agus a chur an gnìomh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.
Bidh e gu h-àraid feumail do dh’oifigearan leasachadh Gàidhlig, oifigearan planadh cànain, luchd co-òrdanachaidh coimhearsnachd agus leasachaidh, agus luchd proifeiseanta foghlam na Gàidhlig.
Leanaidh oileanaich cùrsa de fhèin-oide le taic bho chlasaichean fòn agus goireasan ionnsachaidh air-loidhne. Bithear a’ sùileachadh gun gabh oileanaich pàirt ann an deasbadan anns a’ chlas agus ann am buidhnean beaga a’ coimhead air an rannsachadh as ùire agus air na dòighean obrach as fhèarr a gheibhear gu eadar-nàiseanta.
Faodar an cùrsa a leantainn pàirt-ùine agus air astar. Gu h-àbhaisteach, thèid aon mhodail a dhèanamh thairis air aon semeastar agus bidh dà chlas fòn ann gach seachdain.
Sùsbaint a' Chùrsa
Tha dà mhodail an lùib an LDL ann an Leasachadh Cànain:
• A’ Ghàidhlig an-dè ‘s an-diugh (20 creideas)
• Poileasaidh agus Planadh Cànain 1 (20 creideas)
Tha e mar amas don chùrsa LDL:
• cothroman a thoirt do dh’oileanaich gus buannachd fhaighinn bhon teagasg, ionnsachadh agus rannsachadh den ìre as àirde ann an leasachadh cànain agus coimhearsnachd, le sùil gheur air Gàidhlig na h-Alba;
• na sgilean a leasachadh gus a bhith a’ dealbh airson leasachadh cànain agus coimhearsnachd le bhith a’ deasbad phoileasaidhean Eòrpach agus eile agus le bhith a’ toirt air oileanaich eòlas teòridheachdail ri ceumannan pragtaigeach ann an ath-bheòthachadh coimhearsnachd agus cànain;
• an cothrom a thoirt do dh’oileanaich sgilean dreuchdail agus proifeiseanta a leasachadh ann an raon leasachadh na Gàidhlig agus coimhearsnachd, no ann am foghlam, no raon proifeiseanta eile.
Tha na modailean an lùib an dà LDL aig ìre 8 agus 9 ann am frèam SCQF. Faic www.scqf.org.uk airson tuilleadh fiosrachaidh air ìrean SCQF.
Faic an tuairisgeul mhodail airson gach modal gu h-ìosal:
A-Ghaidhlig_an-de_s_an-diugh.pdf
Poleasaidh_agus_Planadh_Canain_1.pdf
Tha taic oileanach ri fhaotainn anns a’ Ghàidhlig airson a h-uile oileanach a tha a’ dèanamh cùrsa LDL troimh mheadhan na Gàidhlig.
Inntrigeadh
Tha inntrigeadh don chùrsa an urra ri Sabhal Mòr Ostaig. Thèid agallamh a chumail le neach-teagaisg agus bidh aig an fheadhainn a bhitheas a’ dèanamh a’ chùrsa troimh mheadhan na Gàidhlig ri eisimpleir den cuid Gàidhlig sgrìobhte a chur a-steach.
Cìsean is Maoineachadh
Cosgaisean 2012-13
| Oleanaich ann an Alba | |
| LDL (gach modal): | £215 |
| Oileanaich bhon Roinn Eòrpa | |
| LDL (gach modal): | £215 |
| Oileanaich bhon chòrr den RA is Eadar-nàiseanta | |
| LDL (gach modal): | £400 |
Dh’fhaodadh gum biodh oileanaich a tha a’ fuireach ann an Alba airidh air taic de shuas ri £200 gach bliadhna troimh Sgeama Cunntas Ionnsachaidh Riaghaltas na h-Alba (SCI) ma tha iad a’ dèanamh nas lugha na 40 creideas gach bliadhna. Airson tuilleadh fiosrachaidh, agus airson faicinn a bheil thu airidh, bu chòir do dh’oileanaich fios fhaighinn bho SCI Alba air 0800 100 1090 no a dhol gu www.ilascotland.org.uk Dh’fhaodadh gu bheil oileanaich a tha a’ dèanamh barrachd air 40 creideas sa bhliadhna airidh air taic de suas ri £500 troimh sgeama taic oileanaich pàirt-thìde aig Buidheann Tabhartais Oileanach na h-Alba. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn aig www.saas.gov.uk/student_support/index.htm
Slighean Adhartais
A rèir dè na teisteanasan agus eòlas a th’ agad mar-thà, dh’fhaodadh gum biodh oileanaich ag iarraidh tuilleadh trèanaidh a dhèanamh ann an cuspair co-cheangailte. Dh’fhaodadh gum biodh ùidh aig oileanaich cuideachd ann an cothroman ionnsachaidh Gàidhlig eile troimh Sgeama na Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte, no troimh chùrsaichean Gàidhlig eile aig a’ Cholaiste.
A' cur a-steach
Cuir post-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk no fòn gu 01471 888304 gus foirm-iarrtais fhaighinn.
‘S e Diluain 7 Am Faoilleach 2013 an latha mu dheireadh airson iarrtasan ann an 2012-13.
Clàran-ama
Bidh Seachdain Inntrigidh air loidhne ann air an t-seachdain a’ tòiseachadh 21 Am Faoilleach agus tòisichidh an cùrsa air an t-seachdain a’ tòiseachadh 28 Am Faoilleach 2013. Bidh clàr-ama nas mionaidiche ri fhaighinn a dh’aithghearr.