Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Cùrsaichean air Astar

As bith càite bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn. Tha na cùrsaichean air astar aig Sabhal Mòr Ostaig air an dealbh gus làn chothrom a thoirt do dh'oileanaich a bhith a' fàs fileanta sa chànan agus a' dol air adhart gu cùrsaichean tro mheadhan na Gàidhlig.

Bhiodh e math dhut tòiseachadh air an t-sàr chùrsa, An Cùrsa Inntrigidh, mura h-eil ach glè bheag de Ghàidhlig agad fhathast. Ma tha beagan Gàidhlig agad no ma tha thu air Gàidhlig ionnsachadh gu ìre air choireigin roimhe, bu chòir dhut smaoineachadh air Bann-luath a' Chùrsa Inntrigidh no clàradh air a' Chùrsa Adhartais, an ath cheum a dh'ionnsaigh fileantas sa chànan. Bidh an dà chùrsa a' cur cuideam air sgilean èisteachd is labhairt agus a' toirt misneachd dhut gus Gàidhlig a bhruidhinn bho latha gu latha.

Faodaidh tu a dhol air adhart don dàrna bliadhna de chùrsaichean ceuma na Colaiste às dèidh dhut crìoch a chur air a' Chùrsa Adhartais, agus cothrom agad airson modalan a thaghadh ann am bàrdachd Ghàidhlig, beul-aithris agus an sgeulachd ghoirid.

Tha a' Cholaiste cuideachd a' tairgsinn chùrsaichean ann an leasachadh proifeiseanta do thidsearan tron phrògram, Streap, agus cothroman do dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig airson na sgilean sgrìobhaidh aca a thoirt air adhart tron chùrsa air-loidhne, Sgilean Sgrìobhaidh.

As bith dè an cùrsa air a bheil thu gheibh thu nas urrainn de thaic bho luchd-teagaisg agus luchd-obrach na Colaiste agus cothrom sònraichte gus càirdeas a thogail le oileanaich is luchd-ionnsachaidh eile air feadh an t-saoghail.

 

  • An Cùrsa Inntrigidh

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • An Cùrsa Adhartais

    Dè cho fada: 2 Bhliadhna
    Còd: UQ501
    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • Dioplòma HE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • BA Gàidhlig agus Leasachadh

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • BA Cànan is Cultar na Gàidhlig

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • CPD/LDL ann an Leasachadh Coimhearsnachd

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • CPD/LDL ann an Leasachadh Cànain

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • Streap

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh

  • Sgilean Sgrìobhaidh

    Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar .(JavaScript must be enabled to view this email address)

    Innis barrachd dhomh