Cùrsaichean For-cheum
Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann cùrsa for-cheum ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd, a' toirt cothrom do dh'oileanaich tuigse fhaighinn air beatha agus suidheachadh sòisealta agus eaconomach na Gàidhealtachd agus nan Eilean tro sgrùdadh air cultar dùthchasach agus àrainneachd na sgìre.
Tha Proifeasair Uisdean Cheape na Stiùiriche air a' chùrsa, is e ainmeil mar eòlaiche eachdraidh na Gàidhlig agus mar shàr chluicheadair na pìoba, cuide ri luchd-teagaisg eile, Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus Gabhan Mac a' Phearsain. 'S e cùrsa pàirt-thìde a th' ann, is goireasan-ionnsachaidh a' chùrsa air-loidhne.
-
MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd
Dè cho fada: 1 bliadhna airson PgCert, 2 bliadhna airson PgDip agus 3 bliadhna airson for-cheum MSc
Neach-stiùiridh: Eilidh Ghrannd .(JavaScript must be enabled to view this email address)