Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd

Mun a’ chùrsa

Tha an cùrsa ùr-ghnàthaichte seo, le cliù fad is farsaing, a’ toirt dhut cothrom sònraichte mion-eòlas a chur air dualchas nan Gàidheal – uile-gu-lèir tron Ghàidhlig.

Tha an ceum air a roinn ann an trì earrainnean: Teisteanas For-cheumnach; Dioploma For-cheumnach; agus Tràchdas Ceuma.

Faodaidh tu an MSc a ghabhail pàirt-thìde, rud a bheir dhut tòrr sùbailteachd a-thaobh mar an dèan thu am prògram, agus a-thaobh na h-àireimh de mhodalan a bhios agad gach semeastair. Mar is trice bheir e trì bhliadhna an MSc fhèin a thoirt a-mach.

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha an MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd a’ toirt cothrom dhut eòlas farsaing agus domhainn a chur air na h-atharrachaidhean iongantach ann an saoghal nan Gàidheal thar nan linn suas chon an latha an-diugh, a’ tarraing air beairteas cultar dùthchasach, litreachas, beul-aithris, agus cànan nan daoine. Ionnsaichidh tu còmhla ri sgoilearan barraichte tro VLE air-loidhne agus tro cho-labhairtean fòn, agus nì thu rannsachadh ‘anns an raon’ cuideachd.

Ma tha eòlas agad air eachdraidh na sgìre agad mar-thà, no air dualchas nan Gàidheal air neo eachdraidh na Gàidhealtachd anns an fharsaingeachd, bheir an MSc cothrom dhut an t-eòlas sin a tharraing ri chèile agus a thoirt gu ìre ùir, le taic bho fheadhainn de na sgoilearan as fheàrr agus as comasaiche a th’ ann anns a’ chuspair ud.

Le bhith a’ coimhead air ar n-eachdraidh agus air ar dualchas tro chultar dùthchasach – na h-innealan a chleachd muinntir na Gàidhealtachd, na togalaichean a bh’ aca, an àrainneachd fhisigeach às an tug iad am bith-beò – ruigidh tu tuigse nas doimhne air eachdraidh na Gàidhealtachd anns na trì linntean a chaidh seachad, agus mu carson a tha an dùthaich mar a tha i an-diugh.

Tha deagh mheasgachadh beòthail de dh’oileanaich air a bhith againn bho thòisich an cùrsa, agus tha an rannsachadh a rinn iad air cur gu mòr ri sgoilearachd na Gàidhealtachd mar-thà. Gheibhear seann oileanaich bhon cheum an sàs ann an roinn an dualchais agus dualchas nàdair; ann an saoghal a’ chiùil agus na h-ealain; agus a’ toirt a-mach ceum PhD.

Dè dh’fheumas mi airson inntrigidh?

Bu chòir ceum le urram a bhith agad, aig ìre 2:2 no nas àirde ann an cuspair iomchaidh, leithid Gàidhlig, Ceiltis, Cruinn-Eòlais, Eachdraidh, air neo nan Saidheansan Sòisealta.

Bidh fàilte ro thagraichean aig nach eil na teisteanasan seo, ach  aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh. Mar a bhiodh dùil, tha comas conaltraidh anns a’ Ghàidhlig riatanach.