Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Beachdan Oileanaich

Tha deagh mheasgachadh beòthail de dh’oileanaich air a bhith againn bho thòisich an cùrsa, agus tha an rannsachadh a rinn iad air cur gu mòr ri sgoilearachd na Gàidhealtachd mar-thà. Gheibhear seann oileanaich bhon cheum an sàs ann an roinn an dualchais agus dualchas nàdair; ann an saoghal a’ chiùil agus na h-ealain; agus a’ toirt a-mach ceum PhD.

 

Facail mun chùrsa bho sheann oileanaich:

 

Bha an cùrsa air leth luachmhor. Thug e cothrom dhuinn tuigse nas doimhne fhaighinn air eachdraidh agus cultar na Gàidhealtachd tro mheadhan na Gàidhlig. Chuidich an cùrsa leam sgilean-rannsachaidh a leasachadh, agus neartaich e mo chuid de Ghàidhlig gu mòr. Tha mi dìreach air tràchdas PhD a chrìochnachadh – rudeigin nach biodh a' tachairt as aonais a' chùrsa.

[Dr Eleanor NicDhùghaill, Eilean Mhuile]

 

Bha an cùrsa sònraichte math. Cùrsa adhartach air an lìbhrigeadh ann an dòigh ùr, tarraingeach, le luchd-teasgaig fiosraichte agus taiceil aig an stiùir. Fhuair sinn an cothrom rannsachach pearsanta a dhèanamh mar phàirt dhen chùrsa, ach bha e math a bhith ann am buidheann beag agus a' leantainn deifir modalan còmhla mar chlas cuideachd. Mholainn do dhuine sam bith e.

[Julie Fowlis, seinneadair agus neach-ciùil, Machair Rois]