Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ceistean cumanta

Dè dh’fheumas mi airson inntrigidh?

Bu chòir ceum le urram a bhith agad, aig ìre 2:2 no nas àirde ann an cuspair iomchaidh, leithid Gàidhlig, Ceiltis, Cruinn-Eòlais, Eachdraidh, air neo nan Saidheansan Sòisealta.

Bidh fàilte ro thagraichean aig nach eil na teisteanasan seo, ach aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh. Mar a bhiodh dùil, tha comas conaltraidh anns a’ Ghàidhlig riatanach.

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi air a’ chùrsa?

Pàirt thìde (le structar)

Nì thu an cùrsa seo le sreath de sheamanairean, tro chonaltraidhean-fòin agus air Àrainneachd-Ionnsachaidh Air-Loidhne an OGE, le taic bho na h-òraidichean agus bhon neach-comhairle agad.

Airson barrachd fiosrachaidh, no ma bhios ceist sam bith agad mu bhith a’ dèanamh an MSc aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, feuch gun cuir thu fios thugainn aig: iarrtas@smo.uhi.ac.uk

Dè cho fada ’s a bheir e?

Bheir an MSc 3 bhliadhnachan uile gu lèir, pàirt-ùine @ 12 gu 18 uairean a thìde gach seachdain

Tha na h-àireamhan de dh’uairean a thìde a’ sealltainn dhut na bhios sinn a’ sùileachdainn bhuat air a’ chùrsa, eadar an ùine a chuireas tu seachad aig òraidean, agus air an obair-sgrùdaidh agus an obair-rannsachaidh agad fhèin.

Càite an urrainn dhomh an cùrsa a dhèanamh?

Tha an cùrsa stèidhichte ann an Sabhal Mòr Ostaig OGE.

Cuine a thòisicheas an cùrsa?

Faodaidh tu tòiseachadh a’s t-Sultain, air neo anns an Fhaoilleach.

Dè na chosgas an cùrsa?

Airson barrachd fiosrachaidh mu chìsean a’ chùrsa, feuch gun tèid thu gu: http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean

Tha grunn thobraichean-maoineachaidh ann airson taic a thoirt dha oileanaich ann a bhith a’ pàigheadh an cuid chìsean agus nan cosgaisean-fuirich, a-rèir an t-suidheachaidh aca. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhail air: http://www.uhi.ac.uk/en/studying-at-uhi/first-steps/how-much-will-it-cost/funding

Dè as urrainn dhomh dèanamh as dèidh a’ chùrsa?

Tha seann oileanaich bhon cheum a-nis an sàs ann an iomadach deifir dhreuchdan:

  • roinn an dualchais
  • roinn dualchas nàdair
  • saoghal a’ chiùil agus na h-ealain
  • rannsachadh PhD