Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Na h-Òraidichean

Tha an cùrsa MSc ’ga liubhraigeadh le dithis de na h-eòlaichean as fheàrr agus as motha cliù ann an saoghal sgoilearachd na Gàidhealtachd: an t-Ollamh Ùisdean Cheape, agus an Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart.

An t-Ollamh Ùisdean Cheape

Tha an t-Ollamh Ùisdean Cheape air cliù mòr a chosnadh dha fhèin agus dha Sabhal Mòr Ostaig, mar shàr-eòlaiche aig a bheil na ficheadan de dh’airteagalan ann an clò mu eachdraidh, dualchas, agus cultar dùthchasach na Gàidhealtachd. Seann cheannard Ionad-Rannsachaidh Cultar Dùthchasach na h-Alba aig Taighean-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, sgrìobh an t-Oll. Cheape na leabhraichean bunaiteach mun dà ìomhaigh Albannaich as comharraichte a th’ ann, a’ phìob mhòr agus am breacan. Tha na h-airteagalan aige a’ dèiligeach ri sgaoilteachd mhòir de chuspairean, eadar òrthachan, crèadhadaireachd, crodh, agus aodach nan Gàidheal.

Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart

’S e ceannard cùrsa an MSc a th’ anns an Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart.  Tha ùidh mhòr agus eòlas domhainn aige mu eachdraidh agus dualchas na Gàidhealtachd, agus mu litreachas nan Gàidheal, anns an fharsaingeachd, cuspairean air am bi e a’ bruidhinn gu tric air na meadhanan. An-dràsda tha e a’ dèanamh rannsachadh air beatha agus sgrìobhaidhean an fhir-siubhail Sgitheanaich Màrtainn Màrtainn (c. 1665–1718), agus air beatha, saothair, pàipearan, agus dìleab dithis den luchd-cruinneachaidh beul-aithris as ainmeile às an dùthaich seo, Iain Òg Ìle (1821–85), agus Alasdair MacGilleMhìcheil (1832–1912).

 

Cuir fios thugainn:

 

Sabhal Mòr Ostaig

An Teanga

Slèite

An t-Eilean Sgitheanach

IV44 8RQ

post-d: sm00ds@uhi.ac.uk