Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Structar a' Chùrsa

Tha MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd air a roinn ann an trì earrainnean. Feumaidh tu trì mhodalan bunaiteach a choilionadh gu soirbheachail gus a’ cheud earrainn – am PG Cert – a choilionadh. Gus crìoch a chur air a’ PG Diploma, feumaidh tu dà mhodal bhunaiteach eile a dhèanamh cho math ri aon mhodal roghainneil. Airson an MSc fhèin, feumaidh tu an Tràchdas Ceuma – luach trì mhodalan – a chrìochnachadh.

Lìbhrigeadh a’ Phrògram

Faodaidh sibh an MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd a ghabhail pàirt-thìde, rud a bheir dhut tòrr sùbailteachd a-thaobh mar an dèan thu am prògram, agus a-thaobh na h-àireimh de mhodalan a bhios agad gach semeastair. Mar is trice bheir e trì bhliadhna an MSc fhèin a thoirt a-mach.

PG Cert

Seamestair 1 Semeastair 2

Cultar Dùthchasach is Tìr Mòr na Roinn-Eòrpa
(Bunaiteach)

Bailtean is Iomairean
(Bunaiteach)

Dòighean Rannsachaidh
(Bunaiteach)

Tha am modal Dòighean Rannsachaidh ga theagasg thar dà shemeastair.

PG Diploma

Seamestair 1 Semeastair 2

Thar nan Linn
(Bunaiteach)

Ceistean Mòra an Latha an-diugh
(Bunaiteach)

Àrainneachd is Seasmhachd air an Talamh
(Roghainneil)

Dòighean Beatha is Nàbaidheachd
(Roghainneil)

Imrich is Buaidh Beatha
(Roghainneil)

A-rèir mar a mhiannaicheas na h-oileanaich, gabhaidh na modalan roghainneil a theagasg ann an aon semeastair, air neo thairis air dà dhiubh.

MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd

Seamastairean 1 & 2

Tràchdas Ceuma
(Bunaiteach: 60 creideas)

Cultar Dùthchasach is Tìr Mòr na Roinn-Eòrpa (Bunaiteach)

Anns a’ mhodal seo cuiridh tu eòlas air na bun-bheachdan air cùl ‘Cultar Dùthchasach’ agus ‘Eitneòlas Eòrpach’. A’ tòiseachadh le suidheachaidhean sìmplidh air a bheil sinn uile eòlach – an teine anns an dachaigh, mar eisimpleir - gheibh thu sealladh drùidhteach air cho bunaiteach ’s a tha cultar dùthchasach ’nar beatha làitheil.

Nì thu beachdachadh cuideachd air deifir chruthan na tìre, eadar feadhainn fìor agus feadhainn a dh’èirich às a’ mhac-meanmna: àrainneachd a tha ’na ‘fàsach falamh’, a-rèir aon sheallaidh, bidh i a’ coimhead gu tur eadar-dhealaichte ann an sealladh eile, beò le ainmean-àite, comharraidhean, agus cuimhneachain, àrainneachd air a h-obrachadh le daoine fad linntean mòra.

Le Eitneòlas Eòrpach nì thu sgrùdadh air an fharsaingeachd de dh’obair sgoilearail mu dhòighean-beatha agus mu choimhearsnachdan dhaoine anns an Roinn-Eòrpa. Bidh tu a’ coimhead gu h-àraid air cleachdaidhean a’ ceangal na Gàidhealtachd agus Scandanàibhia, mar eisimpleir a-thaobh iasgachd agus àirighean.

^ Air ais dhan structar

Bailtean is Iomairean (Bunaiteach)

Anns a’ mhodal seo cuiridh tu eòlas dlùth air dòighean-beatha muinntir Ghàidhealtachd na h-Alba thairis air na trì linntean a chaidh seachad. Ionnsaichidh tu mu mar a bhiodh na bailtean-fearainn gan ruith agus gan eagrachadh; mar a bhiodh fireannaich is boireannaich  le àiteachas, a’ cur, a’ buain, agus a’ bleith; mu na deifir innealan a dh’ùisnicheadh iad ’nam beatha làitheil; agus cuideachd mu na deifir bheathaichean a bhiodh aca.

Tha fhios nach b’ i beatha gun atharrachadh a bh’ aig Gàidheil na h-Alba thar nan linntean. Anns a’ mhodal seo bidh sinn daonnan a’ coimhead air na pròiseasan eachdraidheil a sgap thairis air a’ Ghàidhealtachd, agus air na deifir bhuaidhean a thug iad air coimhearsnachdan na dùthcha.

^ Air ais dhan structar

Dòighean Rannsachaidh (Bunaiteach)

Anns a’ mhodal seo, thar dà shemeastair, ionnsaichidh tu mar a nì thu pròiseactan rannsachaidh aig ìre iar-cheumnaich, bho na ciad cheumannan gu ruige an dreach mu dheireadh. Gheibh thu comhairle mu na leanas:

mar a thaghas tu cuspair;
mar a thionndaidheas tu an cuspair seo gu bhith ’na cheist-rannsachaidh;
mar a chruinnicheas tu fianaisean;
mar a chuireas tu àrgamaid ri chèile leis an lorg thu fuasgladh don cheist.

Ionnsaichidh tu cuideachd mu mar a nì thu obair-raoin agus agallamhan-beòil, mar a chuireas tu toradh do chuid obrach ann an riochd a riaraicheas deifir sheòrsachan de luchd-leughaidh, agus mar a ghabhas tu compàirt ann an còmhraidhean sgoilearail eadar-nàiseanta. Tron mhodal gu lèir bidh cothrom agad deasbad mu mar a thèid cainnt agus briathrachas na Gàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh ann an roinn na sgoilearachd.

^ Air ais dhan structar

Thar nan Linn (Bunaiteach)

Anns a’ mhodal seo cuiridh tu eòlas air linn a tha bunaiteach, agus gu math connspaideach, ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, fìor chudromach ann a bhith a’ mìneachadh ciamar a tha saoghal nan Gàidheal mar a tha e an-diugh: Linn nam Fuadaichean (c. 1750–c. 1860).

Ionnsaichidh tu mu na deifir thachartasan agus na deifir phròiseasan eachdraidheil anns an linn seo, mu na h-adhbharan air an cùlaibh agus na buaidhean a thàinig asda, ann an deifir choitheagsan: eachdraidh na h-Alba, eachdraidh Bhreatainn, eachdraidh a’ Chuain Shiair, agus eadhan eachdraidh na cruinne.

Mar a shùilicheadh tu, cuiridh sinn cuideam sònraichte air fianaisean air an tarraing bho chultar dùthchasach agus bhon àrainneachd. Gheibh thu cothrom beachdachaidh air na seallaidhean a tha air a bhith aig buidhnean eadar-dhealaichte de luchd-eachdraidh air Linn nam Fuadaichean, eadar sgoilearan dùthchasach agus sgoilearan bhon taobh a-muigh.

^ Air ais dhan structar

Ceistean Mòra an Latha an-diugh (bunaiteach)

Carson a tha a’ Ghàidhealtachd mar a tha i an-diugh? Gu dè na ceistean mòra co-aimsireach aig a bheil buaidh oirre? A’ tarraing air an sgoilearachd as ùire, anns a’ mhodal seo gheibh thu sealladh air an iomadach buaidh eadar-dhealaichte a dhealbhaich a’ Ghàidhealtachd mar a dh’aithnicheas sinn an-diugh i.

Tòisichidh sinn leis na ceanglaichean làidir eadar coimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus an cuid fearainn. An uair sin, bheir sinn sùil air sluagh – no deifir shluaghan – na dùthcha thar an linn chaidh seachad.

Nì thu rannsachadh air grunn ‘cheistean mòra’ a tha air a bhith gu math connspaideach thairis air na deicheadan a chaidh seachad: obair an iasgaich; iomairtean glèidhteachais; poileataigs na Gàidhealtachd; agus buaidh a’ Chogaidh Fhuair air an dùthaich. Mu dheireadh, beachdaichidh sinn air cho cudromach ’s a tha cuimhne eachdraidheil – as bi i gu tur fìor no a’ chaochladh – dha fèin-ìomhaigh coimhearsnachdan na Gàidhealtachd.

^ Air ais dhan structar

Àrainneachd is Seasmhachd air an Talamh (Roghainneil)

Dè na dòighean eadar-dhealaichte anns a bheil daoine air a bhith a’ coimhead air àrainneachdan na Gàidhealtachd, an dà chuid air an àrainneachd nàdarra agus air an àrainneachd thogte, agus dè seòrsa buaidh a bh’ aig na seallaidhean sin air cruth na tìre mar a th’ againn an-diugh? Ann a bhith a’ fuasgladh nan ceist, nì sinn feum de grunn choincheapan air iasad bho shoiseòlas agus bho antroipeòlas, ach le toinneamh Gàidhlig ’nan lùib ach an fhreagair iad nas fheàrr air an t-suidheachadh againn fhìn.

Anns a’ mhodal seo gheibh thu sealladh farsaing air cruth na tìre agus air an àrainneachd, an-dé, an-diugh, agus a-màireach, ’ga mheas a-rèir grunn shlatan-tomhais eadar-dhealaichte: an taobh sòisealta, an taobh eaconamach, agus an taobh modhannach.

Nì sinn ceasnachadh geur mu na coincheapan ‘seasmhachd’ agus ‘glèidhteachas’, an dà chuid anns an t-saoghal cho-aimsireach, agus anns an t-saoghal bho shean, ann an caochladh choitheagsan eadar-dhealaichte: torachd na h-ùire, nàdar eaconamaidh broinn an taighe, agus cruthachadh agus cumail suas na h-àrainneachd togte.

^ Ais air dhan structar

Dòighean Beatha is Nàbaidheachd (Roghainneil)

Anns a’ mhodal seo cuiridh tu eòlas dlùth air eachdraidh agus cultar dùthchasach na Gàidhealtachd bho linn Chogadh nan Croitearan aig deireadh an naoidheamh linn deug, suas chon an latha an-diugh. B’ e seo àm bhun-atharrachaidhean mòra, a-thaobh àrainneachd, sluagh, eaconamaidh, coluadar, poileataigs, cànan, agus dualchas na dùthcha.

Bheir sinn sùil sònraichte air na tagraidhean eadar-dhealaichte ’s a rinneadh as leth muinntir na Gàidhealtachd aig an àm, le coigrich agus leis na dùthchasaich fhèin, agus air na deifir ro-innleachdan a chleachd na h-ùghdarrasan ann a bhith a’ feuchainn ri fuasgladh a lorg dha ‘trioblaid na Gàidhealtachd’. Far a bheil e iomchaidh, nitear coimeasan le ceàrnaidhean ‘iomallach’ eile anns an Roinn-Eòrpa.

Troimh’n mhodal bidh cothrom agad na cuspairean bunaiteach a rannsachadh aig ìre nas àirde agus nas fharsainge, mus cuir thu a dh’obair iad, air do cheann fhèin, ann an sgrùdadh ionadail uidheamaichte le fianaisean beul-aithris cho math. Mar sin, thèid agad air pìos sgoilearachd a thoirt seachad ann an eachdraidh fhàsmhoir na Gàidhealtachd anns an linn a chaidh seachad.

^ Air ais dhan structar

Imrich is Buaidh Beatha (Roghainneil)

Anns a’ mhodal seo bidh thu a’ sgrùdadh agus rannsachadh eilthireachd, tuineachadh, agus cultar nan Gàidheal thall thairis tron trì chiad bliadhna a chaidh seachad, a’ tarraing air sgaoilteachd fharsaing de thùsan-fiosrachaidh, a’ bheul-aithris ’nam measg.

Nì thu feum de na seallaidhean sgoilearail as ùire a-thaobh siubhail agus eilthireachd anns na linntean tràth-nuadh-aimsireil agus nuadh-aimsireil. Nì thu sgrùdadh air na factaran iom’-fhillte ‘slaodadh is putadh’ air cùl nan imrichean, na dùbhlain agus na cothroman roimh eilthirich ’nuair a ràinig iad an ceann-uidhe. Agus nì thu measadh air an ìre ’s gun do shoirbhich leo air a’ cheann thall.

A’ leantainn ruith nan linntean, dèiligidh tu ris ‘eilthireachd a’ mhòr-shluaigh’ fo stiùir nam fear-ionaid anns an ochdamh linn deug, mus tionndaidh thu dhan ‘eilthireachd le taic’ air a cur air bhonn fo bhuaidh dùmhlachd-shluaigh agus goirt. Bheir thu sùil shònraichte air na deasbadan co-aimsireach mu luach na h-eilthireachd;  mar a bha eaconamaidhean oighreachdan na Gàidhealtachd air amladh gu dlùth ann an tasgaidhean-airgid na h-ìmpireachd; an càirdeas eadar na h-eilthirich Ghàidhealach agus na dùthchasaich; mairsinneachd agus atharrachaidhean dualchais; agus mar a chaidh fèin-aithneachadh coimhearsnachdan nan eilthireach a chruthachadh agus a lìomhadh.

^ Air ais dhan structar

Tràchdas Ceuma

Bheir am modal seo dhut sàr-chothrom: mion-rannsachadh seasmhach, ùr-ghnàthaichte a phlanaigeadh agus a thoirt gu buil, a’ coimhead air cuspair sònraichte ann an cultar dùthchasach agus eachdraidh na Gàidhealtachd.

Anns an t-saothair thùsail seo tàirrnidh tu ri chèile an t-eòlas agus am fiosrachadh a dh’ionnsaich thu agus a thug thu gu ìre tron chùrsa gu ruige seo, gus fuasgladh fhaighinn air tòimhseachan-rannsachaidh a bhuineas ri cuspair a thaghas tu fhèin an co-bhuinn ris na h-òraidichean, cuspair a bhios air t’ aire agus do mhac-meanmna a ghlacadh. Chan e a-mhàin gun liubhraig agus gun eadar-mhìnich an tràchdas toradh do chuid rannsachaidh; ’s ann a nì e luachadh air an litreachas sgoilearail mun chuspair mar-thà, air dealbhadh na h-obrach fhèin, agus air na dòighean-rannsachaidh a chuir thu an gnìomh. An cois an tràchdais bidh plana-sgaoilidh a dhèiligeas ris mar a thèid toradh an rannsachaidh a chraoladh taobh a-muigh an oilthigh, gu seachd sònraichte dha na coimhearsnachdan far an deach an obair a dhèanamh.

^ Air ais dhan structar