Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sgilean Deasachaidh

Ceum: Cùrsaichean air astar
Dòigh lìbhrigidh: Air Astar
Còd: UQ511922
Neach-stiùiridh: Sgioba Chùrsaichean air Astar astar@smo.uhi.ac.uk


Mun a' Chùrsa

Tha am modal seo na phàirt den Sgeama Ghàidhlig agus Chuspairean Co-cheangailte.

Dè th’ ann?

’S e modal for-cheum a tha seo, ann an sgilean deasachaidh, aig Sabhal Mòr Ostaig.

Air a lìbhrigeadh agus air a mheas gu tur tro mheadhan na Gàidhlig, tha am modal air astar a tha seo air luach 20 creideas aig ìre 11 den Scottish Credit and Qualifications Framework (SCQF).

Cò dhà a tha e?

Is ann a tha am modal ann an Sgilean Deasachaidh dha duine sam bith a bhios a’ sgrìobhadh, a’ deasachadh no a’ dèanamh sgrìobhainnean Gàidhlig de sheòrsa sam bith.

Thèid am modal thairis air na sgilean deatamach airson a bhith ag ullachadh agus a’ dèanamh sgrìobhainnean gnìomhachais, a’ gabhail a-steach aithrisean bliadhnail, planaichean cànain agus litreachas margaidheachd. Dhan fheadhainn a tha an sàs ann am foillseachadh Gàidhlig, cuiridh am modal rin tuigse agus sgilean ann a bhith ag ullachadh teags airson foillseachadh agus a’ dèanamh leabhraichean agus sgrìobhainnean aig sàr ìre.

Sùsbaint a' Chùrsa

Anns a’ mhodal Sgilean Deasachaidh, thèid sgilean deasachaidh agus dearbhaidh a neartachadh, a’ gabhail a-steach litreachadh agus pongachadh, deasachadh agus dearbhadh, stoidhlichean taighe agus tarraingean.

Ma shoirbhicheas tu leis a’ mhodal seo, thèid agad air:

  • prionnsabalan litreachaidh na Gàidhlig a thuigsinn agus litreachadh gu ceart
  • teagsaichean a dheasachadh aig sàr ìre
  • clàr-ama deasachaidh a chur ri chèile agus a stiùireadh
  • gnàthasan deasachaidh a chleachdadh
  • stoidhle taighe a leasachadh, a leantainn agus a mheas
  • sgilean a chleachdadh gus teagsaichean a dhearbhadh gu cruinn

Ciamar a bhios e ag obair?

Bidh thu a’ dèanamh a’ mhodail air astar. Cuirear 200 uairean de thìde ionnsachaidh mu choinneimh gach modail, air-loidhne (24 uairean) agus air do cheann fhèin (176 uairean). Cleachdaidh teagasg air-loidhne àrainn ionnsachaidh mas-fhìor OGE, Blackboard, le taic gach seachdain le post-d agus còmhradh air-loidhne.

Feumaidh cothrom a bhith agad air an Eadar-lìon agus air coimpiutar agus prògraman freagarrach (m.e. Word, Acrobat Reader, Microsoft Outlook 2010). Gheibhear stiùireadh ann a bhith a’ cleachdadh Blackboard mar phàirt den inntrigeadh dhan chùrsa.

Thèid adhartas air a’ mhodal a mheas le coimeasgadh de dh’eacarsaichean pragtaigeach. Gus a bhith soirbheachail sa mhodal, feumaidh tu 50% aig a’ char as lugha fhaighinn anns gach measadh.

Inntrigeadh

Feumaidh ceum le urram (no teisteanas co-ionann) a bhith agad aig ìre 2:2 no barrachd ann an cuspair freagarrach, mar Ghàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte, Eòlas na Gàidhlig no Eòlas na Ceiltis, agus/no sgilean litearrais aig ìre fhileanta le agallamh (mar as trice, air a’ fòn).

Bidh am modal Sgilean Deasachaidh a’ tòiseachadh as t-fhoghar 2016.

Cìsean is Maoineachadh

Airson chìsean, faic: http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cisean/.

A' cur a-steach

Bu chòir do thagraichean fios a chur dìreach dha Oifis Inntrigidh na Colaiste air 01471 888 304 no le post-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk, far am faighear tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’ cur a-steach iarrtas dhan mhodal. 

A thaobh susbaint a’ mhodail no ro-fheumalachdan a’ mhodail, cuir fios chun an Stiùiriche Mhodail, an t-Oll. Richard Cox, rc.smo@uhi.ac.uk, 01471 888 313.