Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Cùrsaichean Goirid

Fàilte gu Cùrsaichean Goirid an t-Sabhail 2013

'S e eilean air leth brèagha is beothail a th' anns an Eilean Sgitheanach agus tha a' Cholaiste a cheart cho trang fad na bliadhna le tachartasan is cùrsaichean. Ach, 's e rud sònraichte a th' againn aig àm nan cùrsaichean goirid. Bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a' tighinn don Cholaiste gach bliadhna, a' gabhail cothrom gus coinneachadh ri daoine ùra agus beagan Gàidhlig, cùltar na Gàidhealtachd is ceòl ionnsachadh ann an àrainn Ghàidhlig agus ann an sgìre shònraichte àlainn.

Thòisich cùrsaichean goirid ann an ionnsachadh Gàidhlig agus ceòl traidiseanta aig a' Cholaiste ann an 1973 agus a-nis, bidh còrr is 700 daoine a' tadhal oirnn a h-uile bliadhna airson cùrsa goirid a dhèanamh. Am-bliadhna, tha sinn a' cur fàilte air seann charaidean is oileanaich ùra a tha a' tighinn don Cholaiste airson a' chiad uair. A bharrachd air na cùrsaichean, bidh tachartasan air an fheasgar cuideachd, mar chèilidhean, fiolmaichean, bùthan-obrach ann an dannsa, seinn is Gàidhlig agus cothrom aig oileanaich airson feasgar a chur seachad le muinntir an àite a tha fileanta sa Ghàidhlig cuideachd.

 

Leis gach deagh dhùrachd,                                                                  
Sgioba nan Cùrsaichean Goirid

Sabhal Mòr Ostaig
Slèite
An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
(Alba)

Fòn: 01471 888 240
Post-d:
sm00cg@uhi.ac.uk