Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dràma Gàidhlig: Cleasachd

Cinn-latha: 11/08/14 - 15/08/14
Cosgais: £490 all Inclusive / £250 Course only.
Neach-teagaisg: Artair Donald & tutors from The Royal Conservatoire of Scotland

Clàraich an-dràsta!


An Cùrsa:

Anns a' chùrsa 5 làithean seo bidh oileanaich an sàs ann an sreath bhùithtean-obrach is dheasbadan cuide ri Artair Dòmhnall, Neach-dràma air Mhuinntireas, Sabhal Mòr Ostaig agus luchd-teagaisg bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba. Thèid obair le daoine nan aonar agus ann am buidhnean a chleachdadh airson dòighean cleasachd a rannsachadh. Bithear a' rannsachadh dòighean is eòlas dràma tro mheadhan theacsaichean ùra agus cruthachadh dràma air an spot.

Tha an cùrsa seo freagarrach do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig is dràma. Bithear a' rannsachadh is a' leasachadh sgilean dràma ann an dòigh a bhios an dà chuid taiceil is dùbhlanach.

 

Amasan a' chùrsa:

Chaidh an cùrsa a dhealbhadh airson sgilean dràma sa Ghàidhlig a leasachadh. 'S ma dh'fhaoidte gum biodh e feumail do chuideigin a tha airson slighe gu tuilleadh trèanaidh a lorg no dreuchd a rannsachadh.

 

Gheibh oileanaich na leanas anns a' chùrsa:

barrachd eòlais air sgilean is dòighean-obrach dràma

sgrùdadh dòighean dràma airson sgilean cleasachd a leasachadh

obair chruthachail anns a' Ghàidhlig

cothrom air na sgilean a thaisbeanadh air an àrd-ùrlar

barrachd misneachd a thaobh dràma agus theacsaichean

deasbad agus fiosrachadh air na cothroman ann an dràma na Gàidhlig

 

Àite:

Sabhal Mòr Ostaig,

Slèite,

An t-Eilean Sgitheanach

IV44 8RQ

 

Bu chòir gun ruigeadh oileanaich a' Cholaiste feasgar na Sàbaid is iad deiseil airson toiseach a' chùrsa madainn Diluain. Tha cuid-oidhche 5 oidhcheannan agus lòn is dìnnear aig a' Cholaiste an lùib na prìs iomlain sònraichte.

 

Stiùiriche a' Chùrsa:

Artair Dòmhnall

Thogadh Artair ann an eilean àlainn Thiriodh is tha e air a bhith an sàs ann an dràma proifeiseanta air rèidio, àrd-ùrlar, telebhisean is film fad 20 bliadhna. Choisinn e cliù mar chleasaiche anns an dràma Ghàidhlig Machair fad 8 bliadhna is bha e ann an Rab C. Nesbitt (BBC Scotland) agus Eilbheas (BBC Alba). A bharrachd air telebhisean, tha e air a bhith an sàs ann an dràma air an àrd-ùrlar fad iomadh bliadhna, gu h-àraid leasachadh dràma Gàidhlig agus o chionn ghoirid còmhla ri Cartoon Theatre, a shiubhail air feadh na dùthcha le dealbh-chluiche ùr anns a' Ghàidhlig.

Tha Artair na Stiùiriche Ealain air Sgoil-shamhraidh Dràma Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal agus tha e os cionn buidheann dràma Gàidhlig do dh'òigridh ann an Glaschu. 

 

Barrachd fiosrachaidh

'S ma dh'fhaoidte gum bi taic airgid tro bhursaraidh ri fhaighinn an lùib a' chùrsa seo, barrachd fiosrachaidh ri thighinn.