Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Àiteachan-fuirich nan Cùrsaichean Goirid

     

  

Àiteachan-fuirich na Colaiste 2012

Tha seòmraichean en-suite ri fhaighinn ann an Àrainn Chaluim Chille agus Àrainn Ostaig. Tha tubhailtean is anart-leapa agus goireasan tì is cofaidh anns gach seòmar, agus tha frids, sinc, microwave, cupannan, truinnsearan, sgeanan is forcaichean anns na seòmraichean no anns na cidsinean. Faodar innealan-nigheadaireachd a chleachdadh an dèidh 4.00f.

Bracaist Albannach an cois nan cìsean

Seòmraichean Singilte
Cìs do inbhich (16 bliadhna a dh'aois is nas sine)
£150 fad 5 oidhcheannan
Oidhcheannan a bharrachd -  £33 gach oidhche

Cìs don chloinn/Oileanaich (5-15)
£120 fad 5 oidhcheannan
Oidhcheannan a bharrachd -  £33 gach oidhche
 
Seòmar le Dà Leabaidh
Cìs do inbhich
£240 fad 5 oidhcheannan

Cìs do dh'Oileanaich
£220 fad 5 oidhcheannan

Clann agus Inbhich (0 - 15)
£220 fad 5 oidhcheannan

Cìs do chloinn
£220 fad 5 oidhcheannan
 

Seòmar Teaghlaich
Chan eil ach 2 Sheòmar Teaghlaich ri fhaighinn (3 anns gach seòmar) £60 gach oidhche.

Bidh cìsean Seòmar Dà Leabaidh ann ma bhios na h-àiteachan-fuirich làn agus £58 airson gach oidhche a bharrachd.

Mullach an Tùir
1 Seòmar Dùbailte is 1 Seòmar Dà Leabaidh £140 gach oidhche (gur dòcha gun atharraich seo)

Tha seòmraichean dha daoine ciorramach ri fhaotainn.

Tha taighean-òsta, leabaidh is bracaist is àiteachan-fuirich fèin-fhrithealadh ri fhaotainn san sgìre, mas fheàrr leat no ma bhios a' Cholaiste làn - gheibhear liosta dhiubh iad seo san sgrìobhainn seo:liostabb_2012-13.pdf no rach gu www.VisitScotland.com

 

Campadh aig a' Cholaiste

Faodaidh oileanaich nan Cùrsaichean Goirid campadh air àrainn na Colaiste an asgaidh. Tha toileat is frasair ri fhaotainn aig Àrainn Chaluim Chille eadar 7.00m is 10.30f agus tha taighean-beaga ri fhaotainn (gun fhrasair) fad an latha is fad na h-oidhche aig Àrainn Ostaig. Chan eilear a' moladh campadh rè cùrsaichean na Càisge a chionn 's gu bheil an t-sìde buailteach a bhith car caochlaideach. Tha sinn a' moladh gun toir oileanaich leotha stuthan airson na meanbh-chuileagan a chumail air falbh!

Ma tha an tuilleadh fiosrachaidh a dhìth, nach cuir thu fios gu Goireasan air +44 (0)1471 888 000 no air goireasan@smo.uhi.ac.uk