Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Bocsa le Addie Harper agus Stephanie Harper

Cinn-latha: 09/07/18 - 13/07/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Addie Harper Jnr, Stephanie Harper
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


'S e cùrsa 5 làithean a tha seo aig Sabhal Mòr Ostaig do dhaoine às bith dè na comasan a th' aca air a' bhogsa. Gheibh thu cothrom cuide ri Addie air iomadh port eadar-dhealaichte ionnsachadh cho math ri dòighean-cluich, co-sheirmean is còrdan a chuireas ris an eòlas chiùil agad. Tha fèill mhòr air Addie mar thidsear agus mar neach-ciùil air feadh na h-Alba agus thall thairis agus tha e air a bhith na thidsear air Cùrsaichean Goirid Sabhal Mòr Ostaig fad iomadh bliadhna a-nis.

Buinidh Addie Harper Jnr do theaghlach ceòlmhor ainmeil agus bha athair air fear dhen luchd-ciùil as ainmeil ann an saoghal ceòl dannsa na h-Alba. Tha an dòigh teagaisg aig Addie a' cur oileanaich aig fois agus gam brosnachadh le a chuid stiùiridh agus foighidinn agus mar sin bidh na cùrsaichean aige a' tàladh oileanaich às gach àird. Air a’ chùrsa ann an 2018, bidh sinn a’ cur fàilte air Stephanie, nighean Addie, a bhios a’ cumail taic ris na h-oileanaich air fad.  An-dràsta tha Stephanie an-sàs ann an obair leis na sgoiltean air feadh ceann a tuath na h-Alba còmhla ris a’ bhuidhinn Fèis Rois.

Thèid oileanaich a phiobrachadh, an lùib a' chùrsa, a chluich còmhla ri chèile aig cèilidh nan Cùrsaichean Goirid aig a' Cholaiste Oidhche Ardaoin agus ged a bhiodh dragh air cuid, bidh Addie a' dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom air cluich air àrd-ùrlar às bith dè na comasan a th' aca air a' bhogsa.

Seach gum bi an cùrsa seo a’ tachairt aig a’ cheart àm ris a’ chùrsa Bhogsa-putain, cuide ri Fergie Dòmhnallach is Raibeart Nairn, bidh cothroman am pailteas a chluich còmhla ri luchd a’ bhogsa eile, agus gu dearbh fhèin cothrom èisteachd ri triùir dhen luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba air an àrd-ùrlar air oidhche shònraichte de cheòl rè seachdain a’ chùrsa.