Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Bogsa le Addie Harper

Cinn-latha: 01/07/19 - 05/07/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Addie Harper Jnr
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


'S e cùrsa 5 làithean a tha seo aig Sabhal Mòr Ostaig do dhaoine às bith dè na comasan a th' aca air a' bhogsa. Gheibh thu cothrom cuide ri Addie air iomadh port eadar-dhealaichte ionnsachadh cho math ri dòighean-cluich, co-sheirmean is còrdan a chuireas ris an eòlas chiùil agad. Tha fèill mhòr air Addie mar thidsear agus mar neach-ciùil air feadh na h-Alba agus thall thairis agus tha e air a bhith na thidsear air Cùrsaichean Goirid Sabhal Mòr Ostaig fad iomadh bliadhna a-nis.

Buinidh Addie Harper Jnr do theaghlach ceòlmhor ainmeil agus bha athair air fear dhen luchd-ciùil as ainmeil ann an saoghal ceòl dannsa na h-Alba. Tha an dòigh teagaisg aig Addie a' cur oileanaich aig fois agus gam brosnachadh le a chuid stiùiridh agus foighidinn agus mar sin bidh na cùrsaichean aige a' tàladh oileanaich às gach àird.

Thèid oileanaich a phiobrachadh, an lùib a' chùrsa, a chluich còmhla ri chèile aig cèilidh nan Cùrsaichean Goirid aig a' Cholaiste Oidhche Ardaoin agus ged a bhiodh dragh air cuid, bidh Addie a' dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom air cluich air àrd-ùrlar às bith dè na comasan a th' aca air a' bhogsa.

Seach gum bi an cùrsa seo a’ tachairt aig a’ cheart àm ris a’ chùrsa Bhogsa-putain, cuide ri Fergie Dòmhnallach is Raibeart Nairn, bidh cothroman am pailteas a chluich còmhla ri luchd a’ bhogsa eile, agus gu dearbh fhèin cothrom èisteachd ri triùir dhen luchd-ciùil as fheàrr ann an Alba air an àrd-ùrlar air oidhche shònraichte de cheòl rè seachdain a’ chùrsa.