Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Am Bogsa

Cinn-latha: 18/07/16 - 22/07/16
Cosgais: £240 (£170 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Addie Harper Junior, Fergie MacDonald, Robert Nairn
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 

'S e cùrsa 5 làithean a tha seo aig Sabhal Mòr Ostaig do dhaoine às bith dè na comasan a th' aca air a' bhogsa. Gheibh thu cothrom cuide ri Addie air iomadh port eadar-dhealaichte ionnsachadh cho math ri dòighean-cluich, co-sheirmean is còrdan a chuireas ris an eòlas chiùil agad. Tha fèill mhòr air Addie mar thidsear agus mar neach-ciùil air feadh na h-Alba agus thall thairis agus tha e air a bhith na thidsear air Cùrsaichean Goirid Sabhal Mòr Ostaig fad iomadh bliadhna a-nis.

Buinidh Addie Harper Jnr. ri teaghlach ceòlmhor ainmeil agus bha athair air fear dhen luchd-ciùil as ainmeil ann an saoghal ceòl dannsa na h-Alba. Tha an dòigh teagaisg aig Addie a' cur oileanaich aig fois agus gam brosnachadh le a chuid stiùiridh agus foighidinn agus mar sin bidh na cùrsaichean aige a' tàladh oileanaich às gach àird. Thèid oileanaich a phiobrachadh, an lùib a' chùrsa, airson cluich còmhla ri chèile aig cèilidh nan Cùrsaichean Goirid aig a' Cholaiste Oidhche Ardaoin agus ged a bhiodh dragh aig cuid, bidh Addie a' dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom air cluich air àrd-ùrlar às bith dè na comasan a th' aca air a' bhogsa.

A chionn 's gu bheil an cùrsa seo agus an cùrsa air a' Bhogsa Phutan cuide ri Fergie Dòmhnallach agus Raibeart Nairn a' dol aig an aon àm, bidh cothroman gu leòr ann airson cluich cuide ri luchd-ciùil eile agus gu dearbh airson èisteachd ri triùir dhe na cluicheadairean as fheàrr air a' bhogsa-chiùil ann an Alba fad seachdain a' chùrsa.