Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Bogsa-Ciùil le John Carmichael

Cinn-latha: 01/06/19 - 02/06/19
Cosgais: £100 (£80 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: John Carmichael
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 

 

 

 

 

 

Tha na Cùrsaichean Goirid air leth toilichte am-bliadhna gu bheil an sàr cheòladair, John Carmichael, gu bhith còmhla rinn a’ teagasg a’ bhogsa aig a’ chùrsa deireadh-sheachdain Blasad Samhraidh. ’S e amas a’ chùrsa seo gum bi thu a’ fàgail le ceòl ùr agus nas comasaiche a thaobh do chuid sgilean ciùil, obair nan còrdan agus cleachdadh a’ bheus. Bidh John a’ toirt dhut na sgilean a leigeas leat a thighinn am feabhas agus thèid do bhrosnachadh gus dùbhlanan ùra a chur romhad.    

Tha John Carmichael air aon de na cluicheadairean bogsa as ainmeile ann ann an Alba. Tha e air cluich, aithris agus craoladh air an telebhisean, rèidio agus ann an tallachan air feadh an t-saoghail. Ann an 2008, choisinn e àite ann an Talla Laoich Ceòl Traidiseanta na h-Alba. Bidh John, a tha air Duais Bogsa na h-Alba a ghleidheadh roimhe, a’ cluich don Bhànrigh gu tric ann an Caisteal Bhaile Mhorail agus tha e air cluich air feadh an t-saoghail còmhla ri sàr cheòladairean a-leithid, Jimmy Shand, Andy Stewart, Coinneach MacEalair, Calum Ceanadach agus mòran eile. Tha e air a bhith na bhritheamh aig Farpais Bogsa na h-Alba, aig a’ Mhòd agus aig Fèis Bhaile nam Feusgan.

Thugainn airson cèilidh agus beagan craic!

Feumar a bhith aig ìre eadar-mheadhanach gus a' chùrsa seo fhrithealadh.