Cleasaidheachd: Dràma sa Ghàidhlig
Cinn-latha: 29/07/13 - 02/08/13
Cosgais: £475 - All inclusive (£475- All inclusive do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Arthur Donald and others to be announed early in 2013
Maoineachadh ILA ri fhaighinn:
Chan eil
Clàraich an-dràsta!
Cìs a' chùrsa: £475
Bidh seòmar-cadail is biadh ann airson 5 oidhcheannan mar phàirt den chosgais seo
Cruth a' Chùrsa
Anns a' chùrsa bidh na h-oileanaich ag obair cuide ri cleasachaidhean proifeiseanta Gàidhlig ann an sreath de bhùithtean-obrach agus sàr-chlasaichean.
Thèid na h-oileanaich a stiùireadh tro obair-aona-neach agus obair-bhuidhne agus iad a' cleachdadh eòlas agus dòighean teagaisg stèidhichte. Gheibh na h-oileanaich brosnachadh gus faighinn an sàs gu cruthachail san teacsa Ghàidhlig agus gus slighean is càirdeasan ùra a lorg do na caractaran, cho math ri leasachadh nan sgilean dràma, gutha agus gluasaid aca.
Thèid teacsaichean sònraichte a chleachdadh sa chùrsa airson sgilean taisbeanaidh, misneachd agus eòlas a bhrosnachadh tro mheadhan na Gàidhlig
Bidh an cùrsa spòrsail, taiceil agus dùbhlanach agus gheibh a h-uile oileanach, eadar neach-ionnsachaidh agus neach-adhartach, cothrom air rannsachadh agus ionnsachadh.
Amasan a' Chùrsa
Chaidh an cùrsa 5 làithean seo a dhealbh do dhaoine aig aois 17 is nas sine agus do luchd dràma proifeiseanta a tha airson na sgilean drama aca sa Ghàidhlig a leasachadh. Bhiodh e feumail do dhaoine a tha ag iarraidh cothrom air dràma a dhèanamh aig an ath ìre, barrachd trèanaidh a dhèanamh no dreuchd fhaighinn sa ghnìomhachas seo.
Ro dheireadh a' chùrsa bidh na h-oileanaich air:
• barrachd eòlais fhaighinn air na dòighean as urrainnear an guth is an corp a chleachdadh ann an taisbeanadh dràma
• eòlas fhaighinn air leasachadh charactaran
• dòighean a sgrùdadh air ciamar a gheibhear an sàs gu cruthachail ann an teacsa
• suidheachaidhean is sgriobtaichean-aona-neach a chur an gnìomh
Àite
Sabhal Mòr Ostaig, An Teanga, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ.
Bu chòir do dh'oileanaich a bhith aig a' Cholaiste feasgar Didòmhnaich mus tòisich an cùrsa Diluain.
Stiùirichean a' Chùrsa
Artair Donald
Chaidh Artair a thogail ann an eilean àlainn Thiriodh agus tha e air a bhith na chleasaiche proifeiseanta fad 20 bliadhna, air an rèidio, an àrd-ùrlar, telebhisean agus film. 'S aithne do mhòran e mar Choinneach anns an t-sreath Ghàidhlig, Machair, anns an robh e fad 8 bliadhna. O chionn ghoirid tha e air a bhith an sàs le Cartoon Theatre, a' siubhal air feadh Alba, agus cuideachd ann an Rab C. Nesbitt agus Eilbheas (BBC Alba).
Tha Artair na Neach-Dràma air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta. Tha e na Stiùiriche Ealain anns na sgoiltean samhraidh Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal agus tha e a' stiùireadh buidheann dràma Gàidhlig do dh' òigridh ann an Glaschu.
Tuilleadh Fiosrachaidh:
- Thèid an cùrsa seo a theagasg tron Ghàidhlig is tron Bheurla agus gheibhear cothrom air Gàidhlig a chleachdadh anns na h-eacarsaichean. Mar sin, bu chòir Gàidhlig a bhith aig na h-oileanaich.
- Tha cothrom ann gum bi taic airgid ri fhaotainn airson a' chùrsa seo. Bidh barrachd fiosrachaidh againn a dh'aithghearr air seo.
- Gheibh muinntir a' chùrsa fios air na dh'fheumar leughadh airson a' chùrsa mu mhìos mus tòisich e. Feumaidh oileanaich an lethbhreacan fhèin a cheannach de theacsaichean a' chùrsa.
- Feumaidh oileanaich aodach freagarrach cofhurtail a chòmhdaicheas an com a chosg agus feumar obrachadh cas-rùisgte ma thèid iarraidh orra.
- Feumaidh oileanaich uisge a thoirt leotha oir bithear a' cosg mòran neirt sa chùrsa seo.
- Bu chòir do dh'oileanaich pàipear is peann a thoirt leotha airson nòtaichean a chumail anns na clasaichean.
Ceistean Eile
Ma tha ceist sam bith eile agaibh air cruth a' chùrsa-samhraidh seo nach cuir sibh fios do Sgioba nan Cùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig air +44 (0)1471 888 437/242 no air post-d cg.smo@uhi.ac.uk no do Chonservatoire Rìoghail na h-Alba air +44 (0)141 332 4101 no air post-d shortcourses@rcs.ac.uk.