Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Samhraidh ann am fìdhlearachd còmhla ri Adam Sutherland

Cinn-latha: 20/08/18 - 24/08/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Adam Sutherland
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Gu àrd: Adam Sutherland

 

Èist ris an-seo!
 

Nach tig sibh an cuideachd Adam airson 5 làithean de rannsachadh, taic-ciùil agus spòrs le fìdheall.

'S e cùrsa ùr a tha seo an lùib nan Cùrsaichean Goirid aig SMO agus bidh sùil ga toirt air na dòighean ionnsachaidh a dh’obraicheas còmhla airson leudachadh air tuigse is meas air sgilean fìdhlearachd.  A bharrachd air a bhith ag ionnsachadh phort àlainn ùra, bheir an clas sùil mhionaideach air measgachadh, ruitheam is cruthachadh ciùil. Gheibh sibh cuideachd cothrom ionnsachaidh air dòighean air teicneòlas a chleachdadh airson ur cuid ciùil a leasachadh. 'S e amas a' Chùrsa gum fàg sibh uile le ceòl ùr agus sibh nas comasaiche air cluich ann an dòighean às am faigh thu fhèin toileachas agus deagh mhisneachd.

Tha an cùrsa seo freagarrach dha fìdhlearan aig ìrean eadar-mheadhanach gu adhartach. 'S ann tro èisteachd a dh’ionnsaicheas daoine air a' chùrsa seo ach gheibhear ceòl sgrìobhte aig deireadh a' chùrsa. Thathar ag iarraidh air daoine a thighinn le am fìdheall fhèin, inneal clàraidh, agus a bhith fosgailte nan cuid bheachdan ciùil.

’S ann à Earaghaidh, taobh Loch Nis, a tha Adam. 'S e fear de na fìdhlearan agus den luchd-teagaisg fìdhle is sgrìobhadairean ciùil as fhèarr ann an Alba. Tha e air a bhith a’ cluich ann an iomadh còmhlan-ciùil soirbheachail air an robh fèill mhòr.  Tha beairteas ciùil cliùiteach aig Adam agus ri fhaicinn air bhideothan air YouTube air feadh an t-saoghail.  Tha e nis gu bhith dol a-mach air a cheann fhèin, is a' cluich a chuid ciùil fhèin, còmhla ri còmhlan de luchd-ciùil sònraichte Albannach. 

Brùth an seo airson tuilleadh fiosrachaidh mu Adam.

Chan eil beàrnan ann ach airson 15 neach – glèidhibh àite air a' chùrsa an-dràsta!