Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Àite-fuirich 2018

 

Tha seòmraichean en-suite ri fhaighinn ann an Àrainn Chaluim Chille agus Àrainn Ostaig. Tha tubhailtean is anart-leapa agus goireasan tì is cofaidh anns gach seòmar, agus tha frids, sinc, microwave, cupannan, truinnsearan, sgeanan is forcaichean anns na seòmraichean no anns na cidsinean. Faodar innealan-nigheadaireachd a chleachdadh an dèidh 4.00f.

Bracaist Albannach an cois nan cìsean

Seòmraichean Singilte
Cìs do dh'Inbhich (16 bliadhna a dh'aois is nas sine)
£210 fad 5 oidhcheannan
Oidhcheannan a bharrachd -  £45 gach oidhche

Cìs do Chloinn/Oileanaich (5-15)
£170 fad 5 oidhcheannan
Oidhcheannan a bharrachd -  £36 gach oidhche
 
Seòmar le Dà Leabaidh
Cìs do dh'Inbhich
£335 fad 5 oidhcheannan
Oidhcheannan a bharrachd - £78 gach oidhche

Cìs do dh'Oileanaich
£285 fad 5 oidhcheannan
Oidhcheannan a bharrachd - £60 gach oidhche

Clann agus Inbhich (0 - 15)
£300 fad 5 oidhcheannan
Oidhcheannan a bharrachd - £67 gach oidhche

Seòmar Teaghlaich
Chan eil ach 2 Sheòmar Teaghlaich ri fhaighinn (3 anns gach seòmar, aon leabaidh airson dithis, aon airson aonair) air £90 gach oidhche.

Bidh cìsean Seòmar Dà Leabaidh ann ma bhios na h-àiteachan-fuirich làn agus £78 air gach oidhche a bharrachd.

Mullach an Tùir
1 Seòmar Dùbailte is 1 Seòmar Dà Leabaidh £180 gach oidhche

Tha seòmraichean dha daoine ciorramach ri fhaotainn.

Àite-fuirich san sgìre

Tha taighean-òsta, leabaidh is bracaist is àiteachan-fuirich fèin-fhrithealaidh ri fhaotainn san sgìre, mas fheàrr leat no ma bhios a' Cholaiste làn - gheibhear liosta dhiubh gu h-ìosal:

B&B 2016/17 no rach gu Visit Scotland no Visit Sleat.

Campadh aig a' Cholaiste

Chan e àite-campa oifigeil a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig, ged a tha e ceadaichte teanta no carbad-comhnaidh a thoirt dhan làraich.

Faodar an stiùireadh às ùire againn fhaicinn an seo.  

Ma tha an tuilleadh fiosrachaidh a dhìth, nach cuir thu fios gu Roinn Aoigheachd air +44 (0)1471 888 000 no air goireasan@smo.uhi.ac.uk