Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seachdain Alasdair Friseil & Natalie Haas 2017

Tha am fìdhlear cliùiteach Albannach Alasdair Friseal a’ tilleadh air ais dhan Eilean Sgitheanach a’ teagasg aig a’ champa sònraichte aige còmhla ri Natalie Hass.  Se seo an aon champa dhe leithid aige ann am Breatain is tha e stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan ‘s Cultar na Gàidhlig.  Tha Alasdair air cliù mhòr a chosnadh air feadh an t-saoghail airson cluich is teagasg na fidhle.  Am bliadhna, bidh Natalie Haas còmhla ri Alasdair a-rithist airson bliadhna eile aig a’ Cholaiste agus bidh an ceòladair ainmeil seo à Amerigea a’ ruith cùrsa airson daoine a tha a’ cluich na beus-fìdhle (cello).

’S ann mu dheidhinn a bhith ag ionnsachadh a’ chiùil ann an dòigh tlachdmhor agus cuideachail a tha an cùrsa seo, le bhith a’ brosnachadh daoine a bhith cruthachail is misneachail cuideachd.  Bidh cothroman gu leòr airson pùirt ionnsachadh aig na bùthan-obrach tron latha agus tron t-seachdain seo, cluichidh Alasdair, an luchd-oide agus na h-oileanaich aige aig a’ Cholaiste is aig seiseanan ionadail ann an Slèite. 

Gabhaidh clàradh airson a’ chùrsa àite feasgar Disathairne 22mh, ach tha sinn a’ moladh gum bi sibh ann feasgar Dihaoine 21mh gus am bi cothrom agaibh deisealachadh airson na seachdain a tha romhaibh.      

Bidh cèilidh is dìnnear a' chùrsa air Diardaoin, far am faigh na h-oileanaich cothrom a bhith a' cluich còmhla air an àrd-ùrlar. Bidh consairt aig deireadh a’ chùrsa feasgar Dihaoine, le cèilidh eile ga leantainn!

Chan eil ann ach àite airson 100 Fìdhlear is 30 Beus-fìdhlear air na cùrsaichean seo.

 

Tha na cùrsaichean seo a-nis làn agus tha na h-àitichean-fuirich làn cuideachd.  Cuiribh fìos thugainn gus clàradh air an liosta-feithimh.

 

*Ùr airson 2016/17*

Tha an cùrsa seo an còmhnaidh làn. Ma tha sibh airson clàradh air a' chùrsa, mar as luaithe, 's ann as fheàrr.  Thèid airgid-èarlais de £100 iarraidh gus àite a ghlèidheadh air a' chùrsa.  Bithear an dùil an còrr dhe na cìsean a phàigheadh ro 30 An Giblean 2017 aig a char as anmoiche. Mura tèid seo a phàigheadh, thèid cur às dhen iarrtas agad is àite a thabhann dha cuideigin eile.  Bidh sinn toilichte bruidhinn mu dhòighean pàighidh.

Ma bhios ceistean agaibh mu chìsean a' chùrsa agus cinn-ama, cuiribh brath dhan sgioba againn aig 01471 888 240/246 neo tro post-d