Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Fìdhle le Alasdair Friseal

Cinn-latha: 21/07/18 - 27/07/18
Cosgais: £310 (£210 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Alasdair Fraser, Natalie Haas and others
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


***Air sgàth obrach-glèidhidh riatanaich cha bhi an siostam-iarrtais air-loidhne againn ri fhaighinn Diardaoin 24 is Dihaoine 25 Samhain.***

***Tha àitichean ri fhaighinn sa chùrsa seo fhathast, ach chan eil àite-fuirich ri fhaighinn idir.  Cuir fios thugain ma tha sibh airson ur ainm a chur sa liosta-feitheimh.  Faodaidh sibh iarrtas a dhèanamh airson àite sa chùrsa gun àite-fuirich.  Tha campadh ceadaichte cuideachd, ach chan eil goireasan iomlan againn.***

Tha an cùrsa seo an còmhnaidh làn. Ma tha sibh airson clàradh air a' chùrsa, mar as luaithe, 's ann as fheàrr.  Thèid airgid-èarlais de £100 iarraidh gus àite a ghlèidheadh air a' chùrsa.  Bithear an dùil an còrr dhe na cìsean a phàigheadh ro 30 An Giblean 2018 aig a char as anmoiche. Mura tèid seo a phàigheadh, thèid cur às dhen iarrtas agad is àite a thabhann dha cuideigin eile.  Bidh sinn toilichte bruidhinn mu dhòighean pàighidh.

 

Ma bhios ceistean agaibh mu chìsean a' chùrsa agus cinn-ama, cuiribh brath dhan sgioba againn aig 01471 888 240/246 neo tro post-d.

 

Tha am fìdhlear cliùiteach Albannach Alasdair Friseal a’ tilleadh air ais dhan Eilean Sgitheanach a’ teagasg aig a’ champa sònraichte aige còmhla ri Natalie Hass.  Se seo an aon champa dhe leithid aige ann am Breatain is tha e stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan ‘s Cultar na Gàidhlig.  Tha Alasdair air cliù mhòr a chosnadh air feadh an t-saoghail airson cluich is teagasg na fidhle.  Am bliadhna, bidh Natalie Haas còmhla ri Alasdair a-rithist airson bliadhna eile aig a’ Cholaiste agus bidh an ceòladair ainmeil seo à Amerigea a’ ruith cùrsa airson daoine a tha a’ cluich na beus-fìdhle (cello).

’S ann mu dheidhinn a bhith ag ionnsachadh a’ chiùil ann an dòigh tlachdmhor agus cuideachail a tha an cùrsa seo, le bhith a’ brosnachadh daoine a bhith cruthachail is misneachail cuideachd.  Bidh cothroman gu leòr airson pùirt ionnsachadh aig na bùthan-obrach tron latha agus tron t-seachdain seo, cluichidh Alasdair, an luchd-oide agus na h-oileanaich aige aig a’ Cholaiste is aig seiseanan ionadail ann an Slèite. 

Gabhaidh clàradh airson a’ chùrsa àite feasgar Disathairne 22mh, ach tha sinn a’ moladh gum bi sibh ann feasgar Dihaoine 27mh gus am bi cothrom agaibh deisealachadh airson na seachdain a tha romhaibh.      

Bidh cèilidh is dìnnear a' chùrsa air Diardaoin, far am faigh na h-oileanaich cothrom a bhith a' cluich còmhla air an àrd-ùrlar. Bidh consairt aig deireadh a’ chùrsa feasgar Dihaoine, le cèilidh eile ga leantainn!