Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Bainsio Tenoir le Conor Markey

Cinn-latha: 05/08/19 - 09/08/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Conor Markey
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


 
 

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte cùrsa goirid ùr Bainsio Tenoir le Conor Markey a thabhainn am bliadhna!

Tha an cùrsa seo freagarrach do dhaoine a tha aig toiseach an slighe leis a’ bhainsio agus a tha airson an cuid sgilean a leasachadh cho math 's as urrainn. Thathar a’ sùileachadh gum bi beagan eòlais agad mar-thà air a’ bhainsio airson a’ chùrsa seo leis gu bheil e ag amas air cluicheadairean eadar ìrean tòiseachaidh is eadar-mheadhanach. Bidh prìomh bheum a’ chùrsa seo air socrachadh, dòighean-obrach, leasachadh nan sgilean èisteachd is nan sgilean ciùil, diofar dhreachan den fhonn agus sgrìobhadh ciùil. Bidh cothrom agaibh ceòl Albannach, Èireannach agus Ameireaganach a chluich, agus tòrr a bharrachd, tron t-seachdain! Is cinnteach gum bi deagh sheachdain làn ionnsachaidh agus fealla-dhà agaibh!

 

Chan eil beàrnan ann ach airson 12 neach – glèidhibh àite air a' chùrsa an-dràsta!

 

Conor Markey

Tha comas cluiche air iomadh ionnsramaid aig Conor Markey, a tha stèidhichte ann an Glaschu, ach, fad cha mhòr fichead bliadhna, 's ann mar chluicheadair bhainsio tenoir as fheàrr a dh'aithnichear e. Tha e air a bhith an sàs anns a’ chòmhlan chliùiteach, Paul McKenna Band, fad trì bliadhna a-nis. Tha fèill mhòr air Conor mar neach-ciùil agus tha a liut airson a chuid ciùil thraidiseanta follaiseach agus e a’ cluich air feadh na Roinn Eòrpa, nan Stàitean, Chanada agus Astràilia gu tric agus an sàs ann an iomadh fèis còmhla ri luchd-ciùil a leithid Dougie MacLean, Declan Sinnott, Foy Vance, Four Men and a Dog, The East Pointers agus Réalta. Choisinn Connor an duais 'All-Britain Tenor Banjo' iomadh turas uair, agus tha e air a bhith sa chuairt dheireannaich den co-fharpais 'All-Ireland'. Tha e aithnichte ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta ann an Glaschu far am bi e a' cluich gu tric.