Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Beartas Cainnt

Cinn-latha: 17/07/17 - 21/07/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Iain & Muireall Urchardan (John & Muriel Urquhart)
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


Chaidh Beartas Cainnt a chruthach do dh’oileanaich a tha adhartach sa Chànain. Sa chlas seo gheibhear cothrom coimhead rithe ann an doimhneachd a bharrachd, le sùil air a leithid sgrìobhadh is labhairt. Tha an cùrsa seo iomchaidh do dhaoine a rinn na cùrsaichean cànain againn aig ìre 9 & 10 agus cuideachd dhaibhsan a rinn Cùrsa Goirid ann am Flòdaigearraidh no fear a tha co-ionnan riutha seo.

Bidh an cùrsa fo stiùir Iain Urchardan, ’s dòcha le beagan taic bho a’ bhean, Muireall! Tha iadsan air a bhith a’ teagasg aig an t-Sabhal Mhòr fad bhliadhnaichean a-nis, a’ toirt chlasaichean do luchd-obrach is oileanaich làn-ùine, mu dheidhinn ghnathasan-cainnt, abairtean feumail, sean-fhacail, briathrachas, sgeulachdan goirid – agus a’ toirt chothroman dhaibh còmhraidhean a thoirt gu, agus a chumail aig, ìre àrd.

’S ann às na Hearadh a tha Iain, agus a bharrachd air a bhith na thidsear is na mhinistear, ’s e neach-ealain, sgrìobhadair agus craoladair a th’ ann. Cluinnidh sibh air Rèidio nan Gàidheal e, guth a’ phrògraim cliùitich airson luchd-ionnsachaidh, Beag Air Bheag.