Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Dealbhachadh Didseatach do Luchd-tòiseachaidh

Cinn-latha: 08/04/13 - 12/04/13
Cosgais: £200 (£130 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Cailean MacLean
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Tha an cùrsa seo ag amas air feadhainn a tha air ùr tòiseachadh air dealbhadaireachd. '€˜S e measgachadh de dh'€™òraidean, taisbeanaidhean, còmhraidhean agus cuairtean a-mach air an tuath a tha anns a' chùrsa. Tha toradh obrach a' chùrsa ga thaisbeanadh ann an Àrainn Chaluim Chille aig deireadh na seachdain.

Tha an cùrsa a' toirt sùil air eachdraidh dhealbhadaireachd air a' Ghàidhealtachd, prìomh-thùsan a' chuspair, a bharrachd air mar tha dealbhan gan làimhseachadh ann an dòigh dhidseatach.

Bheir uidheam camara leibh chun a' chùrsa agus bhiodh e iomchaidh compiutair uchd le bathar bog freagarrach a thoirt leibh cuideachd. Na gabh dragh mura h-eil compiutair-uchd agaibh idir, tha uidheaman freagarrach aig a' Cholaiste fhèin. '€˜S ann tro mheadhan na Beurla a tha an cùrsa seo ga lìbhrigeadh, gus am bidh e freagarrach don a h-uile duine.

Tha fios a bharrachd ri fhaighinn air obair Chailean an seo: http://www.skye-media.com/