Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Bhon a’ chiad chothrom gu craoladh le cùrsaichean rèidio

An còrdadh e riut ionnsachadh mar a nì thu prògram rèidio?  Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tairgsinn chùrsaichean rèidio a bhios a’ toirt nan sgilean dhut prògram rèidio a chlàradh agus na beachd-smuaintean agad a chur an cèill agus prògram rèidio a riochdachadh.  Tha cothrom ann cuideachd gun tèid am prògram agad a chraoladh air stèisean rèidio coimhearsnachd no ionadail.  

Bidh ceithir cùrsaichean rèidio a’ dol am-bliadhna fo stiùir eòlaichean is craoladairean air leth fiosraichte, leis a’ chiad chùrsa a’ ruith thairis air an deireadh-sheachdain 16-17 An Gearran. Thèid dà chùrsa eile a chumail nas fhaide air a’ bhliadhna (9-10 Am Màrt agus 20-21 An Giblean), agus bidh cothrom an uair sin cùrsa a mhaireas seachdain (5-9 An Lùnastal) a dhèanamh  an co-bhuinn ri  Conservatoire Rìoghail na h-Alba, airson gleus a chur air na sgilean ùra agad  .

Thèid na cùrsaichean deireadh-sheachdain a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig agus bidh an cùrsa san Lùnastal air a chumail aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Glaschu.

Cosgaidh e £20 (£10 do dh’oileanaich) airson gach cùrsa deireadh-sheachdain agus tha àite-fuirich is biadh rim faighinn aig a’ Cholaiste airson cosgais a bharrachd. Gheibh thu tuilleadh fios agus foirm clàraidh air www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/cursaichean-deireadh-sheachdain/

Ma tha ceist sam bith agad, cuir post-d gu sm00cg@uhi.ac.uk