Taic le Iarrtasan
Airson fios mun chùrsa, cosgaisean is eile, bruth air ‘Innis barrachd dhomh’.
Chan uarrainn ach aona chùrsa a' dhèanamh tron seachdain.
Airson iarrtas a dhèanamh airson a’ chùrsa, bruth air ‘Clàraich an-dràsta’. Lean am fios gu h-ìosal:
Daoine ùra: Mura h-eil sibh air siostam clàraidh OGE a chleachdadh roimhe, bi agaibh ri cùnntas a chruthachadh le bhith a’ bruthadh air a’ phutan ‘Create Account’ is lìon an iarrtas gus an tig sibh chun an deireadh is bruth air ‘Submit’. Ma the seòladh post-d ceart san t-siostam, gheibhear post-d air ais sa bhad ag ràdh gun deach an t-iarrtas troimhe. Cuiridh cuideigin bhon Sgioba fios thugaibh an ceann 5 làithean obrach, a’ dearbhadh gu bheil àite agaibh air a’ chùrsa is àite-fuirich (ma bhios iomchaidh) agus mar a dh’fhaodar na cìsean agaibh a’ phàigheadh.
Daoine leantainneach: Ma tha cuimhne agaibh air ur n-ainm-clàraichte is facal-fàire bho seann iarrtais, lion na bocsaichean iomchaidh is bruth air ‘Login’. Bu chòir gum bi ur cuid fiosrachaidh ann, dèan cinnteach gu bheil e uile ceart is lìon an iarrtas gus an tig sibh chun an deireadh is bruth air ‘Submit’. Ma the seòladh post-d ceart san t-siostam, gheibhear post-d air ais sa bhad ag ràdh gun deach an t-iarrtas troimhe. Cuiridh cuideigin bhon Sgioba fios thugaibh an ceann 5 làithean obrach, a’ dearbhadh gu bheil àite agaibh air a’ chùrsa is àite-fuirich (ma bhios iomchaidh) agus mar a dh’fhaodar na cìsean agaibh a’ phàigheadh.
Ma tha ceistean sam bith agad, cuir fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240 no air post-d sm00cg@uhi.ac.uk