Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsaichean na Càisge 2019

Bidh sinn a' ruith dà sheachdain de chùrsaichean sa Ghiblein am bliadhna eadar 01 agus 12 de’n Ghiblein.  Chì sibh gu h-ìosal na bhios sinn a' tairgsinn agus gur dòcha gun tèid cùrsa no dhà a chur ris a' chlàr seo fhathast.

Ma tha ùidh agaibh anns na cùrsaichean againn, tha sinn a' moladh gun clàr sibh gus ur n-àite a ghlèidheadh. Aon uair 's a tha cùrsaichean làn, thèid an clàradh a dhùnadh - ach bidh sinn toilichte ur n-ainm a chur ri liosta-feitheimh, ach gur dòcha nach fhaigh thu àite air a' chùrsa mura tarraing duine sam bith a-mach.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuir fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240/246 no air post-d.

Bidh sinn a' co-obrachadh gu dlùth le buidhean ionadail Seall, a th' air a bhith a' brosnachadh nan ealan is ciùil traidiseanta san sgìre bho chaidh a chur air chois ann an 1991. Airson barrachd fios mu dheidhinn na cuirmean-ciùil a bhios an seo san àm ri teachd, bheiribh sùil air an clàr-ama aca an seo.

 

Cinn-là is Cùrsaichean

 

01 - 05 An Giblean 2019

Gàidhlig 1

Gàidhlig 3

Gàidhlig 5

Gàidhlig 7

Òrain Ghàidhlig às na h-Eileanan agus a’ Ghaidhealtachd le Christine Primrose

Ceòl-Taice don Phiàno le Ingrid NicEunraig

Cùrsa Fìdhlearachd na Garbh-chrìochan le Iain MacPhàrlain

Cùrsa Còmhraidh (LI)  le Joy Dunlop

 

 

08 - 12 An Giblean 2019

Gàidhlig 2

Gàidhlig 4

Gàidhlig 6

Gàidhlig 8

Duiseal & Fìdeag le Hamish Napier

Ag ionnsachadh a' Bhogsa Phiàna le John Somerville

A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre le Ruairidh MacGilleathainn

 

 

Fios air gach ìre

Gàidhlig Ìre 1 Gàidhlig Ìre 2
Gàidhlig Ìre 3 Gàidhlig Ìre 4
Gàidhlig Ìre 5 Gàidhlig Ìre 6
Gàidhlig Ìre 7 Gàidhlig Ìre 8
Gàidhlig Ìre 9 Gàidhlig Ìre 10
Co-ionnanachd na h-ìrean

 

 

 

 

 

 

Tha fiosrachadh ri fhaotainn an seo airson dhaoine aig nach eil eòlas air an t-siostam clàraidh againn.

Tha cuideachadh leis an t-siostam OGE ri fhaotainn aig helpdesk@uhi.ac.uk neo air +44 (0) 1463 279 150.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuir fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240/246 no air post-d sm00cg@uhi.ac.uk