Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Clàrsach le Ingrid Henderson

Cinn-latha: 29/07/13 - 02/08/13
Cosgais: £180 (£110 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Ingrid Henderson
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Air a’ chùrsa seo, bidh sibh ag ionnsachadh ceòl Gàidhealach agus ceòl traidiseanta eile, dòighean òrdachaidh agus com-pàirt airson na clàrsaich.  Tha Ingrid NicEanraig à Loch Abar, air a bhith a’ teagasg na clàrsaich airson còrr is còig bliadhna deug a-nis agus bidh i a’ teagasg air a’ chùrsa làn ùine aig a’ Cholaiste, am BA ann an ceòl traidiseanta.

Tha Ingrid air a’ bhith air an àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail a’ cluich leatha fhèin agus le còmhlain diofraichte à Alba, a leithid “Cliar”.  Bhuannaich Ingrid duais sa cho-fharpais cèol traidiseanta airson òigridh aig BBC Radio 2 nuair a bha i na b’ òige cuideachd.  Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ag obair ann an com-pàirt ri òrain leis a’ chlas seinn aig an t-seinneadair chliùiteach, Maighread Stiùbhart, a tha a’ gabhail pàirt aig a’ Cholaiste air an aon sheachdain. 

Tha e cudromach gu bheil comas cluich aig ìre mheadhanach is nas àirde a bhith agaibh airson pàirt a ghabhail sa chùrsa seo.  Cuideachd, feumaidh sibh an ionnstramaid agaibh fhèin a thoirt leibh airson pàirt a ghabhail sa chùrsa.