Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Clàrsach le Ingrid Henderson

Cinn-latha: 07/08/17 - 11/08/17
Cosgais: £250 (£175 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Ingrid Henderson
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


**Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis.  Faighnichibh mun liosta-feitheimh againn.**

Air a’ chùrsa seo, bidh sibh ag ionnsachadh ceòl Gàidhealach agus ceòl traidiseanta eile, dòighean òrdachaidh agus com-pàirt airson na clàrsaich.  Tha Ingrid NicEanraig à Loch Abar air a bhith a’ teagasg na clàrsaich airson còrr is fichead bliadhna a-nis agus nam measg measg an obair sin tha i na tìdsear aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd agus air a’ chùrsa làn ùine aig a’ Cholaiste, BA Gàidhlig is Ceòl. Traidiseanta.

Tha Ingrid air a’ bhith air an àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail a’ cluich leatha fhèin agus le còmhlain diofraichte à Alba, a leithid “Cliar”.  Bhuannaich Ingrid duais sa cho-fharpais cèol traidiseanta airson òigridh aig BBC Radio 2 nuair a bha i na b’ òige cuideachd.  Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ag obair ann an com-pàirt ri òrain leis a’ chùrsa aig an t-seinneadair chliùiteach, Maighread Stiùbhart, a tha a’ gabhail pàirt aig a’ Cholaiste air an aon sheachdain.

Tha e cudromach gu bheil comas cluich aig ìre mheadhanach is nas àirde a bhith agaibh airson pàirt a ghabhail sa chùrsa seo.  Cuideachd, feumaidh sibh an ionnstramaid agaibh fhèin a thoirt leibh airson pàirt a ghabhail sa chùrsa.