Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Clàrsach le Ingrid NicEanraig is Deirdre Ghreumach

Cinn-latha: 06/08/18 - 10/08/18
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Ingrid Henderson & Deirdre Graham
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Air a’ chùrsa seo bidh sibh air ur treòrachadh tro cheòl Ghàidhealach is ceòl traidiseanta, dhòighean-òrdachaidh agus com-pàirt airson a’ chlàrsaich le dithis aig a bheil dlùth-cheangal pearsanta ri cultar is cànan a’ chiùil a chluicheas iad. ’S ann à Loch Abar a tha Ingrid is i ri teagasg a’ chlàrsaich o chionn còrr is fichead bliadhna is tha i a-nis na tidsear aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd agus cuideachd na h-òraidiche air a’ chùrsa-cheum làn ùine aig Sabhal Mòr Ostaig,  BA Gàidhlig is Ceòl  Traidiseanta.  Tha Ingrid air a bhith air an àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail an dà chuid a’ cluich phort leatha fhèin agus cuide ri còmhlain dhiofraichte à Alba, leithid Cliar, agus chaidh duais a bhuileachadh oirre anns a’ Cho-fharpais Chiùil Thraidiseanta airson Òigridh aig BBC Radio 2 nuair a bha i na b’ òige.

Cuideachd, as t-samhradh sa tighinn bidh Deirdre Ghreumach còmhla rinn a’ co-chuideachadh leis a’ chùrsa. 'S ann às an Eilean Sgitheanach fhèin a tha Deirdre is i air a bhith a'  teagasg airson fhèisean agus chomhairlean  o chionn iomadach bliadhna, is  chuir i seachad còig bliadhna thall thairis a' teagasg ceòl ann an Siona, an Spàinn agus Malèisia. Cluinnidh sibh Deirdre cuideachd a' seinn  le diofar chòmhlain, mar as trice le Niteworks, a bhos an seo ann an Alba agus cuideachd thall thairis. 

Le dithis neach-oide air a' chùrsa a-nis, tha sinn airson cothrom-ionnsachaidh a thabhann an dà chuid dhaibhsan a tha air ìre adhartach a ruigsinn air a' chlàrsach air neo tha air ùr-thighinn dhan ionnsramaid.

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ag obair ann an com-pàirt ri òrain leis a’ chùrsa 'Seallaidhean Mara air Òrain Ghàidhlig - An dàrna Tarraing' aig an t-seinneadair chliùiteach, Maighread Stiùbhart, a tha a’ gabhail pàirt aig a’ Cholaiste air an aon sheachdain.

Feumaidh sibh an ionnsramaid agaibh fhèin a thoirt leibh airson pàirt a ghabhail sa chùrsa.

Seo agaibh cuid dhe na beachdan bhon chùrsa fo dheireadh a rinn Ingrid:

  • “A very friendly course with great atmosphere”
  • “Ingrid is a great tutor”
  • “Really enjoyed it and found it very beneficial.  I will be coming back!”
     

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Ingrid is a cuid chiùil, briogaibh an seo.