Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Clasaichean Coimhearsnachd - Foghar 2019

 

Tha sinn toilichte fios a leigeil gum bi sinn a' tabhann clasaichean coimhearsnachd a-rithist is iad a' ruith airson 6 seachdain, gach Dimàirt bho 12 An t-Samhain gu 17 An Dùbhlachd.  Mairidh na clasaichean dà uair a thìde, eadar 6.30f is 8.30f.

  • Luchd-tòiseachaidh – Do dhuine sam bith aig a bheil corra fhacal no aig nach eil Gàidhlig sam bith
  • Clas Còmhraidh eadar-meadhanach – Do dhuine sam bith aig a bheil beagan tuigse air a' Ghàidhlig ach nach eil cho siùbhlach nan cuid sgilean còmhraidh 's a bhiodh iad ag iarraidh.
  • Clas Còmhraidh eadar-meadhanach adhartach - Do dhuine sam bith aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas.

Thèid na clasaichean seo a chumail ann an Ionad Iain Nobail. Bidh na clasaichean a' tòiseachadh aig 6.30f le fàilteachadh/clàradh (le foirm ri lìonadh) air a' chiad oidhche.

Bidh cosgais de £45 ann airson na 6 clasaichean is gheibhear strùpag cuideachd. 

Glèidh àite an-dràsta gus am faigh sibh air a' chùrsa le bhith a' cur fòn dha Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 246 no post-d gu cg.smo@uhi.ac.uk