Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Clasaichean Oidhche air Loidhne

 

Tha Covid 19 air buaidh mhòr a thoirt air ar choimhearsnachdan gu lèir, agus ged nach urrainn dhuibh tighinn dhan Cholaiste fhèin aig an àm seo, tha e fhathast comasach dhuibh ur slighe ionnsachaidh a leantainn air loidhne. Às bith càite bheil sibh, ’s urrainn dhuibh cùrsaichean a dhèanamh còmhla rinn! Tha sinn a’ gabhail ri iarrtasan airson clasaichean oidhche gu h-ìosal. Tha na cùrsaichean a leanas ri fhaighinn air Zoom a-nis. Ruithidh iad thairis air deich seachdainean, air oidhche Mhàirt, le aon class airson gach cùrsa gach oidhche aig 19:00 gu 20:15.

Tha na cùrsaichean seo a’ tabhainn chothroman ionnsachaidh ann an àrainneachd shùbailte chàirdeil do dh’oileanaich nach biodh airson prògram ionnsachaidh làidir meudachail a ghabhail os làimh. Bhiodh na leasanan freagarrach do dhuine sam bith a dh’iarradh taic le bhith a’ togail na Gàidhlig tro chòmhradh agus eacarsaichean ann an suidheachadh neo-fhoirmeil spòrsail.  Tha sinn ag aithneachadh gu bheil mòran daoine a’ tighinn chun a’ chànain tro iomadach oidhirp eadar-dhealaichte, m.e. clasaichean-oidhche sa choimhearsnachd, taic do phàrantan, prògraman à leabhraichean no air-loidhne, cho math ri clasaichean nas fhoirmeile. Tha sin a’ ciallachadh nach eil e cho furasta sealladh farsaing teann a ruigsinn, agus gum faodadh beàrnan a’ nochdadh a thaobh gràmair no briathrachais. Mar as trice, bidh cothroman còmhraidh a dhìth cuideachd.  Ged a tha an clàr-obrach a bhios an cois nan cùrsaichean seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil na ìrean a’ leanntainn gu siùbhlach, thèid na leasanan fhèin a chumail ann an dòigh a bhios a’ freagairt air feumalachdan na buidhne aig an àm tro chonaltradh eadar oidean is oileanaich. Tha goireasan taic rim faighinn gus puingean cànain a chur an cèill ann an dòigh lèirsinneach tharraingeach.  Bheireadh sin cothroman do dh’oileanaich a bhiodh airson puingean cànain a dhaingneachadh aig an aon ìre: le buidheann ùr, bhiodh còmhradh gu tur eadar-dhealaichte a’ cleachdadh a’ ghràmair ann an dòigh ùr.  Thèid ìre a’ chùrsa a thaghadh leis na h-oileanaich fhèin a-rèir comasan cho math ri misneachd, agus chan eil measaidhean mar phàirt de na cùrsaichean seo. Mar sin, faodar obrachadh aig ìre chofhurtail thlachdmhòr gus sgilean Gàidhlig àrdachadh.

Cuir fios thugainn ma tha cairt Young Scot agaibh, gheibh thu 30% dheth an cùrsa agaibh!

 

Cinn-là is Cùrsaichean

 

Bidh sinn a chur barrachd chùrsaichean an seo tro na bliadhna, 's mar sin, mura h-eil sibh a' faicinn cùrsa freagarrach fhathast, nach tillibh sibh!

 

12 den Fhaoilleach gu 16mh den Mhàirt

Gàidhlig 1

Gàidhlig 2

Gàidhlig 3

Gàidhlig 4

Airson fios mu shusbaint gach ìre de Ghàidhlig, brùth air na ceanglaichean gu h-ìosal.

 

Gàidhlig Ìre 1 Gàidhlig Ìre 2
Gàidhlig Ìre 3 Gàidhlig Ìre 4
Gàidhlig Ìre 5 Gàidhlig Ìre 6
Gàidhlig Ìre 7 Gàidhlig Ìre 8
Gàidhlig Ìre 9 Gàidhlig Ìre 10
Fios Co-ionnanachd nan Cùrsaichean

 

Tha fiosrachadh ri fhaighinn an seo airson daoine aig nach eòlas air an t-siostam clàraidh againn.

Tha cuideachadh leis an t-siostam OGE ri fhaotainn aig helpdesk@uhi.ac.uk neo air +44 (0) 1463 279 150.

Ma tha ceistean sam bith eile agaibh, cuiribh fios dhan Sgioba air +44 (0)1471 888 240 no air post-d sm00cg@uhi.ac.uk.

Nach cuir sibh ur ainm air liosta-phuist an seo gus faigh sibh fios mu chùrsaichean 's tachartasan a bhios gan cumail san àm ri teachd.

 

-->