Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Clasaichean Coimhearsnachd - Cèitean/Samhradh 2017

Tha sinn toilichte fios a leigeil gu bheil sinn a' tabhann clasaichean coimhearsnachd a-rithist is iad a' ruith airson sia seachdain, gach oidhche Mhàirt bho 25 An Giblean gu 28 Am Màrt. Mairidh na clasaichean dà uair a thìde, eadar 6.30f is 8.30f

Bidh trì clasaichean ann:

  • Luchd-tòiseachaidh – Dha na daoine a rinn an clas tòiseachaidh le Andrea beagan sheachdain air ais. 
  • Luchd-tòiseachaidh leantainneach – Dha na daoine a rinn an clas le Iain beagan sheachdain air ais. 
  • Luchd-tòiseachaidh adhartach – Dha na daoine a rinn an clas le Janni beagan sheachdain air ais is fosgailte do dhuine sam bith aig a bheil beagan Gàidhlig no a rinn cùrsa luchd-tòiseachaidh cheana.

Thèid na clasaichean seo a chumail ann an Ionad Iain Nobail. Bidh na clasaichean a' tòiseachadh aig 6.30f le fàilteachadh/clàradh (le foirm ri lìonadh) air a' chiad oidhche.

Bidh cosgais de £40 ann airson na sia clasaichean is gheibhear srùbag ann cuideachd. 

Glèidh àite an-dràsta gus am faigh sibh air a' chùrsa le bhith a' cur fòn dha Sgioba nan Cùrsaichean Goirid air 01471 888 240/246 no post-d gu cg.smo@uhi.ac.uk