Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Còmhradh is Cainnt le Ailig 'Bhaltos' Dòmhnallach

Cinn-latha: 01/07/19 - 05/07/19
Cosgais: £260 (£180 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Ailig Dòmhnallach
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Chan eil

Clàraich an-dràsta!


Chaidh an cùrsa seo a tharraing le chèile dhaibhsan aig a bheil deagh thomhas de Ghàidhlig mar-thà, ach a tha airson na comasan aca a thoirt air aghaidh chun na h-ath-ìre gus an urrainn dhaibh an cuid Ghàidhlig a dhèanamh cho siùbhlach is gnàthasach ’s a ghabhas.  Ged a thèid cuideam a chur air sgilean labhairt, èisteachd is fuaimneachaidh gach oileanaich a leasachadh, coimheadar cuideachd ri cnàmhan a’ chànain tro abairtean, sean-fhaclan, gnàthasan-cainnt agus dualchainnt.

’S ann às an Eilean Sgitheanach fhèin a tha Ailig ‘Bhaltos’ Dòmhnallach is a’ Ghàidhlig aige on ghlùin – fad grunn bhliadhnaichean tha Ailig air a bhith gu mòr an sàs ann an craoladh rèidio is telebhisein agus foghlam Gàidhlig do dh’inbhich aig gach ìre. A bharrachd air a bhith a’ teagasg ann an Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain ceithir latha san t-seachdain, tha fèill mhòr air na comasan teagaisg aige am measg bhuidhnean de gach seòrsa air feadh Alba leithid Ceòlas is air feadh an t-saoghail, gu ruige Canàda, Ameireagaidh is a’ Ghearmailt.  Tric cluinnidh sibh Ailig a’ toirt thugaibh ‘Na Dùrachdan’ air BBC Rèidio nan Gàidheal, agus tha e gu mòr an sàs a bhith ag eadar-theangachadh sgriobtaichean airson chartùnaichean chloinne agus a' lìbhrigeadh ghuthan airson nan dearbh phrògraman.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF

  • An Cùrsa Adhartais     
  • Ìre 8, Ìre 9 is Ìre 10 nan Cùrsaichean Goirid   
  • Cùrsa Fhlòdaigearraidh

Mura h-eil sibh cinnteach am biodh an ìre seo a’ freagairt oirbhse, na biodh leisg oirbh idir fòn no post-d a chur thugainn.