Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Stiùireadh COVID-19 do Luchd-tadhail

   
   

Tha SMO a’ leantainn stiùireadh Riaghaltas na h-Alba dha Oilthighean is Colaistean agus Slàinte Phoblach Alba dha buidhnean aoigheachd airson cunnartan an cois COVID-19 a lùghdachadh. Tha e riatanach gun cumar ris an stiùireadh a leanas airson leigeil leis a h-uile duine tadhal air an làraich, leantainn le an cuid foghlaim, a dhol an sàs ann an tachartasan is obair a dhèanamh. Bi mothachail air luchd-tadhail is luchdobrach eile – ’s ann an coimhearsnachd bheag is dhùthchail a tha Sabhal Mòr Ostaig far nach eil uiread sheirbheisean slàinte agus sluagh nas sine. Bidh muinntir an Eilein Sgitheanaich a’ cur fàilte air luchdtadhail gu tlachd fhaighinn à cànan, cultar is seallaidhean an eilein. Lean na riaghailtean airson a h-uile duine a chumail slàn is fallainn.

Bu chòir molaidhean is draghan a chur ris an Sgioba Covid covid@smo.uhi.ac.uk


Ma tha comharraidhean COVID-19 ort

 

Deuchainnean Gun Chomharra

  • Ma tha thu an sàs ann an cùrsa no tachartas air an àrainn, tha sinn ag iarraidh ort 2 dheuchainn sruth taobhach (lateral flow) a dhèanamh mus siubhail thu is 3 làithean eatarra. Tha deuchainnean rim faighinn an-asgaigh air-loidhne aig www.gov.uk/order-coronavirus-rapid-lateral-flow-tests
  • Nuair a ruigeas tu, thèid iarraidh ort deuchainn sruth taobhach eile a dhèanamh is tè eile tron tseachdain ma tha an cùrsa/tachartas nas fhaide na 3 làithean. Tha uidheam deuchainn ri fhaighinn aig an ionad-fàilte.
  • Thathar ag iarraidh air gach neach-obrach air an àrainn deuchainn a dhèanamh dà thuras san tseachdain.

 

Fèin-iomallachd is Cuarantain

  • Ma tha comharraidhean COVID-19 ort (casad leantainneach ùr no a’ call blas agus/no fàileadh) mus siubhail thu, fan aig an taigh is cuir deuchainn coròna-bhìorais air dòigh.
  • Fan san dachaigh is lean stiùireadh Test & Protect ma tha thu a’ fuireach le cuideigin air a bheil comharraidhean COVID-19 no ma tha Test & Protect air fios a chur thugad.
  • Ma tha comharraidhean ort is tu air an àrainn, till dhad sheòmar sa bhad is cuir fios thugainn. Bidh deuchain dhearbhaidh PCR a dhìth. Tha deuchainnean fèin-obrachaidh PCR aig a’ Cholaiste.
  • Ma dh’fheumas tu fuireach nad sheòmar tro fhèin-iomallachd, thèid biadh a thoirt dhad sheòmar is bidh cìs shlàn ann airson gach latha a bharrachd. Nì sinn ar dìcheall gus am bi thu cho cofhurtail ’s a ghabhas.

 

Deuchainn is Dìon / Test and Protect: Check In Scotland

  • Cuir an aplacaid Check In Scotland air a’ fòn-làimh agad mas urrainn agus cleachd e airson clàradh is tu a’ tighinn a-steach gu gach togalach leis na còdan QR.
  • Mura h-eil fòn-glic agad, cuir d’ ainm ri clàr Deuchainn is Dìon aig Ionad-fàilte ACC.
   

 

Astarachadh Sòisealta

Cùm ri astar corparra de 2m bho luchd-cleachdaidh eile air an àrainn fad an t-siubhail ach:

  • Ann an trannsachan far nach urrainnear cumail ri 2m, nuair a dh’ fheumar masg a chosg;
  • Nuair a tha thu nad suidhe le muinntir na dachaigh agas sa bhiadhlann, no taobh a-staigh astarachadh comharraichte bho dhaoine eile;
  • Dithis a-mhàin sa bhùth aig aon àm. Fan taobh a-muigh na bùtha is cùm ris an 2m.

 

Còmhdaichean-aghaidh

Cosg còmhdach-aghaidh fad an t-siubhail ann an àiteachan poblach am broinn na Colaiste, ach:

  • Ann an seòmar-teagaisg, is sèithrichean aig 2m ann an seòmar le sruth àileadh glan.
  • Chan fheum thu masg a chosg is tu ag ithe san t-seòmar-bidhe is tu a’ cumail ri 2m bho dhaoine nach eil san dachaigh agad. Cosg masg nuair a tha thu sa chiudha no a’ coiseachd.
  • Feumar a bhith mothachail is tuigseach gu bheil daoine ann nach urrainn an cosg air adhbhar slàinte.
  • Bu chòir còmhdach-aghaidh atharrachadh a h-uile latha is an nighe aig 60 ceum de theothachd.

 

Glainnead

  • Cleachd goireasan glainnead làimhe aig na prìomh dhorsan fad an t-siubhail.
  • Nigh do làmhan gu tric fad 20 diog is tiormaich gu ceart iad – mar eisimpleir ro/an dèidh biadh.
  • Cleachd nèapraigear pàipeir no d’ uilinn airson casad no sreothart is faigh cuidhteas an nèapraigear.

 

Cleachdadh Àiteachan Cruinneachaidh

Cùm ri riaghailtean Ìrean Dìon Riaghaltas na h-Alba air àireamhan dhaoine ceadaichte a-staigh (agus a-muigh):

  • Ìre Dìon 2: 6 bho 3 dachaighean (8 bho 8 dachaighean)
  • Ìre Dìon 1: 8 bho 3 dachaighean (12 bho 12 dhachaigh)
  • Ìre Dìon 0:10 bho 4 dachaighean (15 bho 15 dachaighean)

 

Mura cumar ris na riaghailtean

  • Mura cumar ri modhan slàinte is sàbhailteachd COVID-19 na Colaiste, thèid iarraidh air luchd-tadhail an àrainn fhàgail sa bhad is gun dìoladh sam bith.
  • Tha còmhdach-aghaidh riatanach an Alba ann an àiteachan poblach a-staigh, a leithid cholaistean, leabharlannan is bhùithtean.
  • Feumar cumail ri riaghailtean Test & Protect, mar eisimpleir stiùireadh fèin-iomallachd, a-rèir an lagha.