Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cumhachan is Cùmhnantan

Cumhachan is Cùmhnantan nan Cùrsaichean Goirid 2016-2017

1.  Cùmhnantan pàighidh

Feumaidh gach cuid cosgaisean teagaisg agus àite-fuirich a bhith pàighte ro thoiseach nan cùrsaichean, air neo taobh a-staigh 30 latha an dèidh cùnntas fhaighinn, às bith dè as luaithe.  Cha tèid àite glèidhte a ghealltainn gus an tèid cosgaisean a phàigheadh, ach chan eil sin na dhearbhadh gum bi cùrsa dol air adhart. Ma tha duilgheadas aig oileanach sam bith le pàigheadh chosgaisean mus tòisich an cùrsa, faodaidh iad bruidhinn ri Sgioba nan Cùrsaichean Goirid agus thèid gach oidhirp chothromach a dhèanamh airson an suidheachadh aca leasachadh.  Feumaidh a’ Cholaiste cead a dhiùltadh do neach sam bith nach eil air an cuid chosgaisean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa.

A thaobh ILA Alba, feumaidh am fiosrachadh sònraichte le làimh-sgrìobhadh is ceann-latha fhaighinn a bhith aig Oifis nan Cùrsaichean Goirid ro thoiseach a’ Chùrsa, (air an toirt a-staigh /an cur sa phost). Mura faighear sin, feumar cosgaisean a’ chùrsa agus àite-fuirich a phàigheadh, mar a tha iomchaidh.

Faodar pàigheadh le airgead, seic no cairtean sònraichte. Gabhaidh airgead a chur tarsaing bhon bhanca agaibh do bhanca Shabhal Mòr Ostaig, ach ma tha cosgais a bharrachd ann, 's e an t-oileanach a phàigheas sin, chan e a’ Cholaiste.

Ma tha dragh oirbh mu chosgaisean cùrsa, cuiribh fios gu Oifis nan Cùrsaichean Goirid air +44 (0)1471 888 240 no tro post-d agus gheibh sibh stiùireadh iomchaidh.

 

2.  Tarraing a-mach/Gluasad gu cùrsa eile/Gun a bhith a' nochdadh

Feumaidh duine sam bith a tha airson tarraing a-mach à cùrsa no airson gluasad gu cùrsa eile, fios a leigeil gu Sgioba nan Cùrsaichean Goirid le litir/post-dealain, agus gheibh iad fios sgrìobhte air ais.

2.1 Gluasad (Cùrsa agus Àite-fuirich)

Chan eil cosgais ann airson àite air cùrsa a ghluasad gu àm eile agus gabhaidh sin dèanamh fhad 's a tha àite air fhàgail sa chùrsa sin airson duine eile agus fhad 's a tha àite-fuirich ri fhaighinn aig an àm ùr.

2.2 A' cur cùrsa dheth

Leis a’ Cholaiste:

Tha e iomchaidh àireamh shònraichte de dhaoine a bhith gan clàradh gus an urrainn don chùrsa a dhol air adhart. Faodaidh Sabhal Mòr Ostaig cùrsa a chur dheth agus ceann-latha eile a thoirt seachad/cosgais a phàigheadh air ais dhan oileanach gun bhuailteachd sam bith airson call sam bith a dh'èireas.  Feumar co-dhiù còignear (5) airson clas mar as àbhaist.

Leis an Oileanach:

Thèid na riaghailtean is cìsean seo a chur an sàs ma chuireas sibh às dhan iarrtas agaibh ach nuair a thathar feumach air suim tasgaidh nach tèid a thilleadh.  

Àireamh de làithean ro thoiseach a’ Chùrsa:-

21 latha obrach:                Thèid na cosgaisean uile a phàigheadh air ais.
15 – 20 latha obrach:       Thèid 75% de na cosgaisean a phàigheadh air ais.
11 – 14  latha obrach:      Thèid 50% de na cosgaisean a phàigheadh air ais.
0 – 10 latha obrach:         Chan fhaighear cuibhreann de na chaidh a phàigheadh air ais.

Far a bheil sùim ann nach fhaighear air ais, thèid an t-suim sin a chumail bhon airgead a thèid a thoirt air ais.

A thaobh cosgaisean àite-fuirich, thèid 10% den chosgais a chumail air ais mar chìs airson tarraing a-mach taobh a-staigh de 21 latha ro thoiseach a' chùrsa.

2.3  Gun a' bhith a' nochdadh air cùrsa

Mas e is nach nochd duine tha air clàradh air cùrsa, thèid a chosgais gu lèir a chumail/iarraidh.    Thèid fios a chumail air airgead nach eil pàighte agus thèid cùnntasan a chumail air clàr. 'S ma dh'fhaoidte gun toireadh sin buaidh air cothroman air cùrsaichean aig amannan eile.

3. Poileasaidh na Colaiste

Feumaidh Oileanaich an Seisean Clàraidh a fhrithealadh.  Sin an t-àm anns an tèid fiosrachadh a thoirt seachad air: seòmraichean teagaisg, stiùireadh air an làraich, luchd-teagaisg, cur-seachadan feasgar agus fiosrachadh iomchaidh eile airson na seachdaine.

3.1 Modh

Le bhith clàradh airson cùrsa tha sin a’ ciallachadh gu bheil oileanach a’ gabhail ri poileasaidhean gu lèir na Colaiste, modh agus riaghailtean nan clasaichean nam measg.  Tha gach poileasaidh riatanach ri fhaicinn air làrach-lìn na Colaiste. (www.smo.uhi.ac.uk/en/foi/)

3.2 Giùlan

Faodaidh a' Cholaiste, airson oileanaich agus luchd-obrach a dhìon, oileanach sam bith nach eil gan giùlain fhèin mar bu chòir no a tha mì-mhodhail ann an dòigh sam bith a chur far a' chùrsa mar a bhios freagarrach.

4.  Dìon Dàta

Feumaidh fiosrachadh mu oileanaich a bhith clàraichte air coimpiutairean na Colaiste airson obair rianachd. Tha gach oileanach a’ gabhail ri sin mar phàirt den chlàradh aca air cùrsa. Thèid am fiosrachadh sin a chumail a rèir Poileasaidh Dìon Dàta aig Sabhal Mòr Ostaig agus Achd Dìon Dàta 1998.

5. Togail dhealbhan de dh'oileanaich

Tha e ceadaichte do luchd-obrach na Colaiste dealbhan de dhaoine air cùrsa sam bith a thogail fhad 's a tha iad ann an clasaichean, a-mach air cuairtean agus leithid sin de shuidheachaidhean agus 's faodar na dealbhan a chleachdadh air adhbharan sanasachd.  Gabhar ri seo mar phàirt an lùib clàradh cùrsa. Faodaidh oileanach innse ro thoiseach a’ chùrsa ma tha sin na adhbhar dragh dhaibh.

6. Sabhal Mòr Ostaig (a’ Cholaiste)

Tha am fiosrachadh air an làraich-lìn seo ceart aig an am a chaidh a sgrìobhadh. Faodaidh gun atharraich fios sam bith anns na duilleagan fiosrachaidh/clàran-ama bho àm gu àm mun tèid/às dèidh dha oileanach clàradh. Faodaidh a' cholaiste, mar a fhreagras aig àm sam bith, airson adhbhar sam bith, cùrsa a chur dheth, cùrsa atharrachadh, pàirtean de chùrsaichean/cur-seachadan feasgar is eile, atharrachadh mar a dh'fheumas, gun bhuailteachd sam bith a ghabhail airson sin.

Fiosrachadh a thaobh cùrsaichean a phàigheadh:

Thèid pàigheadh airson àite air cùrsa agus àite-fuirich aig an àm a thèid an t-àite agad air cùrsa a dhearbhadh.

Lùghdachadh sna cosgaisean:

Mar as àbhaist, chan fhaigh ach oileanaich làn-ùine/sgoilearan lùghdachadh chosgaisean.  Feumar dearbhadh air seo a shealltainn.

ILA 200:

Tha na Cùrsaichean Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig freagarrach airson cuideachadh le cosgaisean ILA a rèir nan riaghailtean aca. Faicibh an làrach-lìn aca airson tuilleadh fios.

Dleastanas Cùraim:

Fios:  Tha Dleastanas Cùraim aig a’ Cholaiste do na h-oileanaich uile, agus uallaichean a bharrachd mu choinneimh òigridh fo 18 a bhios ann an àrainneachd inbheach air làrach na Colaiste. Ma tha neach sam bith a’ fuireach fad oidhche/nas fhaide na oidhche, ann an àite-fuirich na Colaiste (a’ gabhail a-steach luchd campachaidh), a tha nas òige na 18, FEUMAIDH inbheach le uallach air an son fuireach air an làraich fhad 's a tha iad ann.  A bharrachd air Seachain nan Teaghlach chan àbhaist dhuinn àite a thoirt do cloinn nas òige na 12 bliadhna a dh'aois.

Clàradh air loidhne:

Cho luath 's a thèid cùrsaichean a chur air dòigh, chithear iad air-loidhne agus chì daoine aig àm sam bith dè na cùrsaichean a tha fosgailte far am faodar clàradh air an son. Dìreach tagh do chùrsa an seo. Ma tha cùrsa làn cha ghabh clàradh a dhèanamh air loidhne, ach mas e sin an aon chùrsa a fhreagras oirbh, cuiribh fòn agus innsibh dhuinn mun t-suidheachadh agus cuiridh sinn air liosta airson àite ma tharraingeas cuideigin a-mach. Ma tha gu leòr ainmean ann airson cùrsa a tha 'làn' 's dòcha gun gabh dà chùrsa a chur air dòigh aig an aon ìre aig an aon àm.

Airson oileanaich nach urrainn clàradh air-loidhne airson adhbhar sam bith, 's urrainn do Sgioba nan Cùrsaichean Goirid cuideachadh ma chuireas sibh fon gu +44(0) 1471888240 no fios air post-dealain.

Bidh sinn a’ moladh do dh'oileanaich gun a bhith a' dèanamh an aon chùrsa còrr is trì tursan agus gun tèid iad air adhart don ath ìre ma tha sin idir comasach. Ged is dòcha gum b' fheàrr le cuid a dhaoine teagasg de sheòrsa sònraichte agus neach-teagaisg sònraichte, chan dèanar an aon adhartas bho bhith ag ionnsachadh san dòigh sin.

Aig àm clàraidh, chan fhaodar clàradh airson còrr is aon chùrsa gach seachdain.

Tha am fiosrachadh air an làraich-lìn seo ceart aig an àm a chaidh a sgrìobhadh.  'S dòcha gun atharraich fios anns na duilleagan fiosrachaidh/clàran-ama bho àm gu àm mus clàraich oileanaich/an dèidh dhaibh clàradh. Faodaidh a' Cholaiste, mar a fhreagras aig àm sam bith, airson adhbhar sam bith, cùrsa a chur dheth, cùrsa atharrachadh, pàirtean de chùrsaichean/cur-seachadan feasgar is eile, atharrachadh mar a dh'fheumas, gun bhuailteachd sam bith a ghabhail airson sin.