Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Cùrsa Còmhraidh

Cinn-latha: 08/07/13 - 12/07/13
Cosgais: £180 (£110 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Muriel Fisher
Maoineachadh ILA ri fhaighinn: Tha

Clàraich an-dràsta!


‘S e cùrsa gu tur ùr airson 2013 a tha seo, do luchd-eadar-mheadhanach a tha airson na sgilean labhairt aca a leasachadh. Fo stiùir Muriel Fisher, a bhuineas don Eilean, a chaidh a thogail le Gàidhlig is a tha a-nis a' teagasg Gàidhlig ann an Ionad Gàidhlig Tucson, Oilthigh Arizona, Sabhal Mòr Ostaig is air feadh an t-saoghail fad còrr is 20 bliadhna. Gheibh thu ionnsachadh tlachdmhor is nàdarra air a' Ghàidhlig às an dòigh teagaisg spòrsail is aotrom aig Muriel.

Bidh gach latha a’ tòiseachadh le cothrom còmhraidh, le cuairt bheag tro sgìrean eadar-dhealaichte ann an Slèite far am bithear ag ionnsachadh briathrachas ùr bho na chithear air na cuairtean.  San fheasgar, gheibhear cothrom a dhol thairis air a’ bhriathrachas ùr is a bhith ga chleachdadh ann an stoidhlichean còmhraidh eadar-dhealaichte. Bithear a’ bruidhinn air cuspairean a leithid nàdar, eachdraidh, rudan sòisealta is eile.  Tha an cùrsa seo ag amas air stòras de dh’fhaclan is abairtean ùra a chruinneachadh a bheir misneachd do dh’oileanaich gus còmhraidhean nas doimhne a chumail.

Gus pàirt a ghabhail sa chùrsa seo, bu chòir don luchd-com-pàirtiche crìoch a chur air ìrean 4, 5 no 6 de Chùrsaichean Goirid  an t-Sabhail air no cùrsaichean co-ionnanachd, is a bhith comasach air còmhradh mionaideach a chumail le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh. 


Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 2-3 (8-12)
SCQF 5-6 SQA Ìre Choitcheann: Creideas & Gàidhlig àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)