Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cùrsa Còmhraidh le Joy Dunlop

Cinn-latha: 31/07/17 - 04/08/17
Cosgais: £250.00 (£175.00 do dh'oileanaich)
Neach-teagaisg: Joy Dunlop

Clàraich an-dràsta!


***Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis. Nach faighnich sibh mu dheidhinn an liosta-feitheimh againn***

 

Chaidh an cùrsa seo a dhealbhadh airson taic a chur ri luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach adhartach aig a bheil beagan tuigse air gràmar na Gàidhlig ach nach eil cho siùbhlach nan cuid sgilean còmhraidh 's a bhiodh iad ag iarraidh. Thèid taic shònraichte a thoirt seachad airson faighinn thairis air na duilgheadasan is suidheachaidhean a tha buailteach a bhith doirbh dha daoine. Bu chòir gun cuidich sin le bhith a' còmhradh ann an dòigh a tha nàdarra is fileanta.

Tha an dòigh-teagaisg aig Joy dealasach is spòrsail agus fàgaidh sin daoine nas comhfhurtail agus nas fhosgailte airson ionnsachadh gu nàdarra. Thèid cuideam a chur air cleachdadh na Gàidhlig a tha aig daoine mar-thà ach le barrachd misneachd agus gheibhear faclan is abairtean ùra cuideachd.  Bidh òrain, rannan, geamannan agus cuairtean san sgìre ann cuideachd mar dhòighean air còmhradh a bhrosnachadh.

Thèid an cùrsa seachdain seo a stiùireadh le Joy Dunlop, a tha na neach teagaisg air a bheil daoine glè mheasail. 'S ann as a' Choingheal ann an Earra-Ghàidheal a tha Joy. Tha i a' teagasg ann an Oilthigh Ghlaschu agus tha i cuideachd na neach-teagaisg air na Cùrsaichean air Astar agus Air-Loidhne aig Sabhal Mòr Ostaig, An Cùrsa Inntrigidh agus An Cùrsa Adhartais. 'S e seinneadair cliùiteach a tha ann an Joy agus i air Bonn Òir a chosnadh aig a' Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an 2010.

Airson pàirt a ghabhail sa chùrsa seo, bu chòir do dh'oileanaich a bhith air Cùrsaichean Goirid SMO aig ìrean 4, 5, 6 a dhèanamh, no ìre cho-ionnan ann an àite eile, agus comas còmhraidh meadhanach math aca.